Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid gus ath-leasachadh air solar a sgrùdadh


Deich bliadhna cha mhòr air adhart bho Achd Ath-leasachaidh an t-Solair (Alba) 2014, tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh faighinn a-mach a bheil na h-ath-leasachaidhean air lìbhrigeadh a rèir nan amasan aca.

Thug Achd 2014 a-steach dleastanasan ùra air buidhnean poblach beachd a ghabhail air mar a dh’fhaodte an cuid solair a chleachdadh gus leasachadh a thoirt air leas nan sgìrean ionadail aca. Tha sin a’ toirt a-steach a bhith a’ sealltainn air a’ bhuaidh air slàinte eaconamach, shòisealta agus àrainneachd na sgìre.

Dh’fheuch an Achd cuideachd ri solar fhosgladh gu gnìomhachasan beaga, dhan treas roinn, agus do ghnìomhachasan le cuideachadh. 

A-nis, tha Comataidh Eaconamaidh agus Obair Chothromach ag iarraidh air an fheadhainn an sàs anns a h-uile mìr de sholar dol an sàs agus an cuid bheachdan a nochdadh air cho math agus a tha na h-amasan seo gan toirt gu buil. 

Thuirt Neach-gairm Claire Baker BPA: “Tha solar poblach a’ cur air adhart eaconamaidh na h-Alba gu mòr. Tha àireamhan bhon Riaghaltas a’ leigeil fhaicinn gu bheil caitheamh air solar a’ cumail taic ri mu £12.5 bhillean de ghnìomhadh eaconamach ann an Alba agus mu 120,000 dreuchd. 

“Ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil buaidh eaconamach ga cleachdadh gu buannachd nan daoine againn, nan coimhearsnachdan againn agus na h-Alba gu lèir. 

“Is e sin as coireach gu bheil a’ Chomataidh a’ gabhail a’ chothruim seo an reachdas a ghabhadh ris ann an 2014 a sgrùdadh feuch a bheil e a’ coileanadh nan amasan aige. Tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach a bheil seasmhachd ann an da-rìribh aig cridhe solair, agus mar a dh’fhaodas solar poblach cuideachadh gus taic a chur ri sèineachan-solair ionadail a leasachadh agus taic a chur riutha. 

“Feumaidh an reachdas seo cothromachadh a chumail eadar a’ bhuannachd as motha a thoirt do dh’Alba, agus cothrom air tagraidhean a leudachadh gus barrachd de choimhearsnachd fharsaing gnìomhachais na h-Alba a thoirt a-steach. Nam measg sin tha iomairtean beaga is meadhanach, an treas roinn, agus gnìomhachasan le cuideachadh.” 

Tha a’ ghairm airson bheachdan fosgailte gu 2 Dàmhair.