Fios naidheachd: Beachdan gan sìreadh air eadar-gluasad cothromach dhan Ear-thuath agus do Mhoireibh


Tha comataidh aig Taigh an Ròid ag iarraidh air a’ phoball an cuid bheachdan a thoirt seachad air dè an coltas a bu chòir a bhith air eadar-gluasad cothromach dhan an Ear-thuath agus do Mhoireibh. 

Tha Comataidh Eaconamaidh agus Obair Chothromach Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh bheachdan a chluinntinn bho air feadh na sgìre gus an taic a tha a dhìth a thuigsinn gus am faigh an Ear-thuath agus Moireibh a’ bhuannachd as motha à eadar-gluasad cothromach. Tha seo a’ gabhail a-steach raointean leithid tasgadh poblach, leasachadh sgilean, ceanglaichean ri gnìomhachas, agus a’ tomhas adhartas ri linn an eadar-ghluasad.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh faighinn a-mach mar a dh’fhaodas solar poblach, leithid Maoin an Eadar-gluasad Chothromaich, agus cothroman leithid cuairt nan aontaidhean aig ScotWind, calpa poblach a sgaoileadh agus taic a chur ri gnìomhachasan ann an Alba gus gabhail ris na cothroman a bhios an t-eadar-gluasad cothromach a’ cruthachadh.  

Agus eisimeileachd na h-Alba air ola is gas a’ tighinn gu ceann, tha a’ Chomataidh cuideachd airson faighinn a-mach a bheil dòchas aig luchd-ùidhe gun tèid aig teicneòlas ùr air ìrean de chosnadh a ghleidheadh – agus cho mòr agus a tha roinn na h-ola is gas air thoiseach anns an sgìre an-dràsta.

Am measg nan raointean eile airson an rannsachaidh tha cho math agus a tha an roinn phoblach a’ dèanamh ceangal ri gnìomhachasan is coimhearsnachdan ionadail, taic ri ùr-ghnàthachadh, agus mar a ghabhas an t-eadar-obrachadh a thomhas.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Claire Baker BPA: “Tha roinn na h-ola is gas a’ cumail taic ri 65,000 de dh’obraichean sa Cheann an Ear-thuath agus ann am Moireibh, rud a dh’fhàgas an t-Eadar-theangachadh Cothromach an seo nas cudromaiche buileach. Feumar taic a chur ris an sgìre seo fhad ’s a tha an saoghal ag atharrachadh, agus chan fhaodar dàil a chur anns an obair sin. 

“Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil obraichean ann dhan luchd-obrach far a bheil na gnìomhachasan aca ag atharrachadh, agus dèanamh cinnteach gu bheil de sgilean aig luchd-obrach gus buannachd a thoirt às na cothroman sin.

“Tha comasan mòra an lùib teicneòlais ùir, agus tionnsgnaidhean leithid ScotWind. Faodaidh Alba a bhith gu mòr an sàs ann an lùth ath-nuadhachaidh. Ach chan fhaod gin sam bith de seo tighinn air cosgais luchd-obrach agus choimhearsnachdan.

“Bheir trasnadh sam bith buaidh air daoine, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan. Mar sin dheth, tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho uimhir a dhaoine is a ghabhas mun choltas a bhiodh air Trasnadh a tha Cothromach dha-rìribh.”

Tha a’ ghairm airson bheachdan fosgailte gu 26 Sultain. Tòisichidh a’ Chomataidh air an rannsachadh aice agus gabhaidh i ri fianais bho raon luchd-ùidhe sa gheamhradh am-bliadhna.