Tha an aithris seo mu ruigsinneachd a’ buntainn ris an t-susbaint Ghàidhlig air fad air a’ bhloga Ghàidhlig aig https://parlamaidalba.wordpress.com/
Tha am bloga Gàidhlig ga ruith le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB). Tha sinn a’ gealltainn ruigsinneachd dhidseatach a thoirt do dhaoine air a bheil ciorram. Tha sinn daonnan a’ feuchainn ri cur ri suidheachadh an luchd-cleachdaidh, agus a’ cur an sàs nan inbhean buntainneach mu ruigsinneachd.
Tha sinn airson gum bi e comasach do dh’uimhir a dhaoine is a ghabhas an làrach-lìn seo a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir gum b’ urrainn dhut:
- dathan, ìrean nan coimeasan agus a’ chlò atharrachadh
- sùmadh a-steach ann an suas ri 300% gun an teacsa a bhith a’ dòrtadh far an sgàilein
- seòladh tron chuid as motha den làraich-lìn dìreach le bhith a’ cleachdadh clàr-iuchrach
B’ fheàrr leinn cuideachd gum biodh cothrom aig daoine seòladh tron chuid as motha den làraich-lìn le bhith a’ cleachdadh bathar-bog a dh’aithnicheas labhairt ach gu mì-fhortanach, chan eil seo ri fhaighinn sa Ghàidhlig aig an àm seo.
Tha comhairle gus an t-inneal agad a dhèanamh nas fhasa a chleachdadh aig AbilityNet mas e gu bheil ciorram a’ cur ort.
Cho ruigsinneach agus a tha an làrach-lìn seo
Tha fios againn nach eil cuid de dh’earrannan na làraich seo ruigsinneach gu h-iomlan:
- Tuairisgeul Eileamaidean: Cion teacsa cruinn air mhodh eile airson tuairisgeul nan ìomhaighean agus cleachdadh thiotalan a tha ceàrr no gun tiotalan idir anns na cinn. Tha cuid de dh’eileamaidean air nach deach ainmean a chur. Tha seo ag adhbharachadh gum bithear troimh-a-chèile mu shusbaint na h-eileamaid.
- Cleachdadh nan dathan agus stoidhlidh: Cion coimeis eadar an dathan an teacsa agus na dathan anns a’ chùl agus cion iomallan èifeachdach gu leòr, mar eisimpleir, fo-loidhnichean agus crìochan gus fòcas cruinn lèirsinneach a chur air dòigh.
- Cànan: Ann an cuid de dh’earrannan air an làraich tha seantansan a tha tuilleadh is fada, cleachdadh goileim agus gheàrr-ainmean nam measg agus a’ cleachdadh cànan nach eil soilleir don luchd-èisteachd anns an fharsaingeachd.
- Ceanglaichean: Tha cuid de cheanglaichean anns nach eil ainm ruigsinneach airson ìomhaigh a tha mar an aon susbaint anns a’ cheangal.
- Seòladh: Tha cuid de na prìomh eileamaidean a’ nochdadh mar rud a theàrnaich bho eileamaid anns an earrann ach cha tèid aig an làraich air dol seachad air blocaichean de shusbaint a tha a’ nochdadh uair is uair air iomadh duilleag-lìn.
- Clàran: Tha cuid de na clàran nach eil a’ cleachdadh a’ chanain-chomharrachaidh a bu chòir
Na nì thu mura ruig thu air earrann den làraich-lìn seo
Faigh susbaint ann an riochdan eile
Nì sinn ar dìcheall an t-susbaint gu lèir a tha a dhìth ort a thoirt dhut ann an riochd a tha freagarrach dhut. Nach cuir thu fios thugainn.
- Cuir post-dealain thugainn aig gaidhlig@parliament.scot
- Ainmich an riochd a tha thu ag iarraidh, mar eisimpleir, clàr-èisteachd, braille, BSL no sa chlò mhòr.
- Thoir d’ ainm agus do sheòladh post-dealain.
Bidh sinn ag amas air freagairt a thoirt an taobh a-staigh 2 là-obrach.
A’ cur fios mu dhuilgheadasan a thaobh ruigsinneachd air an làraich-lìn seo
Tha sinn daonnan a’ feuchainn ri ruigsinneachd air an làraich-lìn seo a leasachadh. Ma thig duilgheadasan sam bith ort nach eil air an ainmeachadh air an duilleig seo no ma tha thu den bheachd nach eil sinn a’ toirt a-mach nam feumalachdan a thaobh ruigsinneachd, nach cuir thu fios thugainn le bhith a’ dèanamh mar a leanas:
- Cuir fios gu webteam@parliament.scot.
- Cuir a-steach seòladh-lìn (URL) na duilleige air a bheil an t-susbaint air neo tagh an làrach gu lèir.
- Leig fios thugainn dè an duilgheadas a tha agad.
- Thoir d’ ainm agus do sheòladh post-dealain ma tha freagairt a dhìth ort, air neo fàg seo bàn ma tha thu airson nach tèid d’ ainm a nochdadh.
Ma dh’iarras tu freagairt, bidh sinn ag amas air freagairt a thoirt an taobh a-staigh 2 là-obrach.
Modh-obrach cur an gnìomh
Tha e an urra ris a’ Choimisean airson Co-ionannachd agus Còraichean Daonna (EHRC) na Riaghailtean mu Ruigsinneachd do Bhuidhnean Poblach (Innealan Làraichean-lìn agus Innealan-làimhe) (Àir. 2) (2018) (na ‘riaghailtean mu ruigsinneachd) a chur an gnìomh. Mas e nach eil toilichte leis an fhreagairt a bheir sinn air a’ ghearan agad, cuir fios gu Seirbheis Comhairle agus Taice Co-ionannachd (EASS).
Fiosrachadh teicnigeach mu ruigsinneachd na làraich seo
Tha rùn aig SPCB gum bi ruigsinneachd air an làraich-lìn aice, a rèir Riaghailtean mu Ruigsinneachd do Bhuidhnean Poblach (Innealan Làraichean-lìn agus Innealan-làimhe) (Àir. 2) (2018).
Inbhe co-chumaidh
Tha An Stiùireadh mu Ruigsinneachd Susbaint (WCAG) a’ mìneachadh na tha a dhìth air luchd-dealbhaidh is luchd-leasachaidh gus feabhas a thoirt air ruigsinneachd do dhaoine air a bheil ciorram a’ cur. Tha e a’ mìneachadh trì ìrean co-chumaidh: Ìre A, Ìre AA, agus Ìre AAA. Tha SPICe Spotlight air an aon rèir gu ìre ri WCAG 2.1 ìre AA, ri linn nan suidheachaidhean far nach eilear a’ co-chumadh a thathar ag ainmeachadh gu h-ìseal.
Tha air an aon rèir gu ìre a’ ciallachadh gu bheil cuid de dh’earrannan na substaint a’ co-chumadh na h-inbhe mu ruigsinneachd gu h-iomlan.
Susbaint gun ruigsinneachd
Chan eil ruigsinneachd air an susbaint a thathar ag ainmeachadh gu h-ìseal air na h-adhbharan a leanas.
Gun a bhith a’ co-chumadh nan riaghailtean mu ruigsinneachd
Tha cuid de cheistean mu ruigsinneachd ceangailte ri tuairisgeul na h-eileamaid. Tha seo a’ fairtleachadh Slatan-tomhais WCAG 2.1 AA 1.1.1, 1.2.1, 2.4.2, 2.4.6 agus 4.1.2 nuair a thathar air teacsa air mhodh eile fhàgail às.
Tha cuid de cheanglaichean ann a tha gun ainm air am faodar ruigsinn agus tha iomall-fòcais aca a tha doirbh fhaicinn no nach fhaodar fhaicinn. Tha seo a’ fairtleachadh slatan-tomhais WCAG 2.1 AA 2.4.4 agus 2.4.7 mu shoirbheadas.
Tha cuide dhathan san teacsa agus sa chùl aig a bheil coimeas ìseal, agus clàran gun an cànan-comharrachaidh ceart, a’ fairtleachadh slatan-tomhais WCAG 2.1 AA 1.3.1, 1.4.3 agus 1.4.11 mu shoirbheadas.
Tha cuid de cheistean ann mu sheòladh a’ chlàir-iuchrach agus mu sheòladh air an làraich-lìn anns an fharsaingeachd. Tha iad seo a’ fairtleachadh slatan-tomhais WCAG 2.1 AA 2.4.1, 4.1.1, 2.5.1, 2.5.2, 2.5.3 agus 2.5.4 mu shoirbheadas.
Cuiridh sinn na ceistean seo ceart tro ullachadh luchd-obrach gus a dhèanamh cinnteach gum bi susbaint a’ gèilleadh agus mar chuid den obair againn gus leasachadh a dhèanamh daonnan ris a bheil rùn againn mar phàirt den mhodh-obrachaidh ùr againn air an Lìon. Tha sinn cuideachd a’ dèanamh ath-bhreithneachadh an-dràsta air a’ phoileasaidh againn mu bhlogaichean pàrlamaideach agus tha sinn an dùil an fheadhainn a tha a dhìth fhathast a ghluasad gu ionad nas ruigsinniche ann an 2021.
Susbaint nach eil fo na riaghailtean mu ruigsinneachd
Bidh cuid de dh’artaigilean ann a luchdaich faidhlichean suas ann an riochd PDF. Faodaidh nach bi feadhainn de na sgrìobhainnean PDF as sine a’ toirt a-mach nan inbhean mu ruigsinneachd. Mar eisimpleir, faodaidh nach bi an cruth orra sam faodar ruigsinn orra le leughadair-sgàilein. Chan eil seo a’ coileanadh slat-tomhais WCAG 2.1 4.1.2 mu shoirbheadas.
Shoirbhich leis, ge-tà ann an deuchainnean-làimhe agus deuchainnean fèin-obrachail, a’ nochdadh ìre mhath ruigsinneachd le comharraidhean-lìn, taic le tabaichean agus òrdugh-leughaidh.
Fo na riaghailtean mu ruigsinneachd cha leig sinn leas sgrìobhainnean PDF no sgrìobhainnean eile air am foillseachadh ro 23 Sultain 2018 a cheartachadh mas e nach eil iad deatamach gus ar cuid sheirbheisean a thoirt seachad.
Bheir PDFan ùra sam bith a bhios sinn a’ foillseachadh a’ coileanadh nan inbhean mu ruigsinneachd.
Mar a chuir sinn deuchainn air an làraich-lìn seo
Chuir an deuchainn mu dheireadh a chur air an làraich-lìn seo sa Mhàrt 2020. Chaidh an deuchainn seo a dhèanamh le Passion4Social CIC (treas pàrtaidh), nach eil an sàs ann an dealbhadh is leasachadh.
Chleachd sinn an dòigh-dèiligidh seo gus deuchainn a chur air na nithean a leanas:
- Deuchainnean fèin-obrachail: Chleachd sinn 6 acfhainnean bathar-bog gus ceistean mu ruigsinneachd is mu sheòladh a shònrachadh tron làraich air fad;
- Chaidh na duilleagan-lìn anns a’ bheil an ìre as motha de cheistean a chur ris an deuchainn-làimhe;
- A’ cleachdadh Google Analytics, thagh sinn na duilleagan as motha air a bheil luchd-cleachdaidh a’ ruigsinn bhon Fhaoilleach 2020 agus a chuir sinn ris an deuchainn-làimhe iad;
- Deuchainnean-làimhe: air an dèanamh le triùir air a bheil ciorram (doille, ciorraman-ionnsachaidh coitcheann, agus ciorraman-gluasaid) agus aon dealbhadair-lìn dreuchdail a ruith 3 acfhainnean-samhlachaidh airson doille-fhacal, moille-fradhairc, doille-dhathan, gluasadan air chrith, agus seòladh clàir-iuchrach;
Seach gu bheil na duilleagan gu lèir stèidhichte air an aon chlàr is teamplaid, cha deach deuchainn fa leth a chur orra ach chaidh cuid de dh’eisimpleirean a thaghadh às a h-uile gin dhiubh.
Co-chòrdadh ri brabhsairean is teicneòlas-taice
Chaidh SPICe Spotlight a dhealbhadh gus freagairt air an teicneòlas-taice a leanas:
- JAWS
- NVDA
- VoiceOver
- Android
- BlackBerry
- Chrome
- Edge
- Internet Explorer (bho thionndadh 10)
- Firefox
- Opera
- Safari
- iPhone/iPad
- Microsoft Edge
Sònrachaidhean teicnigeach
Gus ruigsinneachd SPICe Spotlight a thoirt gu buil, feumaidh an teicneòlas-taice a leanas obrachadh leis a’ mheasgachadh shònraichte de bhrabhsair-lìn agus teicneòlas-taice is plugain sam bith air an stàladh air a’ choimpiutair agad:
- HTML
- WAI-ARIA
- CSS
- JavaScript
Tha an teicneòlas seo a dhìth gus gèilleadh ris na h-inbhean mu ruigsinneachd a thathar a’ cleachdadh.
Thoir sùil air an aithisg-mheasaidh gu lèir. [cuir a-steach ceangal]
Chaidh an aithris seo ullachadh air 10 Sultain 2020.