Prògram Preantasachd na Pàrlamaid a’ fosgladh #gàidhlig #SPApprentices


Ma tha thu aois 16-24 agus ma tha misneachd, tàlant agus comas agad, tha sinn airson cluinntinn bhuat!

Tha Prògram Preantasachd na Pàrlamaid air fosgladh airson 2017.

prentasachd

Tha sinn a’ tairgse phreantasachdan ann an:

  • Rianachd Gnìomhachais
  • A’ ruith Ionad-tachartasan Cultarach
  • Meadhanan Didsiteach Cruthachail

Gheibh thu deagh ghreis gnìomhachais, taic gus teisteanas a dhèanamh agus a bharrachd air seo, tha deagh thurastal ann.

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig.

Faodadh iarrtasan a chur ann gu 4 Ògmhios 2017.

Tha barrachd fiosrachaidh mun phrògram ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Ceud mìle fàilte! Taisbeanadh ùr na Pàrlamaid air fhosgladh #gàidhlig


Chaidh an taisbeanadh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh gu h-oifigeil an-dè leis an Oifigear Riaghlaidh Ken Mac an Tòisich BPA.

New Permanent Exhibition opens at Scottish Parliament

‘S e amas an taisbeanaidh ùir gum faigh luchd-tadhal a-mach mu obair na Pàrlamaid agus mu a h-eachdraidh ann an dòigh spòrsail.

Tha dà earrann san taisbeanadh. Tha a’ chiad phàirt a’ coimhead air obair Pàrlamaid na h-Alba, a’ gabhail a-steach chumhachdan tiomnaichte, an obair aig BPA agus mar a tha siotam bhòtaidh na Pàrlamaid ag obair.

Tha an dàrna phàirt a’ coimhead air eachdraidh seann Phàrlamaid na h-Alba, air dùnadh na seann Pàrlamaid, agus mun t-slighe a dh’ionnsaigh fèin-riaghladh ann an 1999.

Tha sgeulachdan ann air feadh an taisbeanaidh mu dhaoine a rinn iomairt ann am Pàrlamaid na h-Alba gus laghan atharrachadh, bho ghairmean fòn saor is an-asgaidh, gu ath-fhosgladh Rathad-iarainn nan Crìochan.

Am measg nan daoine a rinn iomairt anns a’ Phàrlamaid a tha san taisbeanadh, tha an neach-iomairt Gàidhlig Iain Macleòid a rinn iomairt airson achd Ghàidhlig.

john-m

Iain Macleòid ag èisteachd ris fhèin aig an taisbeanadh ùr

Tha an taisbeanadh dà-chànanach.

Alasdair

 

 

Seiseanan foghlaim #Gàidhlig rim faighinn!


Tha na leabhraichean air fosgladh an-diugh airson seiseanan foghlaim air an ath theirm sgoile. Tha seiseanan Gàidhlig agus seiseanan dà-chànanach rim faighinn airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil.

img_1130

Ma tha an clas/sgoil agaibh airson’s gun tig cuideigin bhon phàrlamaid a-mach dhan sgoil agaibh airson seisean spòrsail is eadar-obrachail mu obair na Pàrlamaid, nì sinn sin ann an àite sam bith ann an Alba.

Airson clàradh no airson barrachd fiosrachaidh, faic làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair