Deasbad gu bhith ann mu 10 bliadhna de BBC Alba #gàidhlig #gaelic @bbcalba


Thèid deasbad Gnothaichean Bhall a chumail Diciadain 19 Sultain air a’ chuspair “A’ Comharrachadh 10 Bliadhna de BBC Alba”.

Seo an gluasad, a chaidh a chur air adhart le Dòmhnall Camshron BPA.

Gnothaichean Bhall

Bidh an deasbad a’ tòiseachadh aig 5f agus faodar coimhead air beò, no san tasglann às dèidh làimh air SPTV. Bidh an Aithisg Oifigeil den deasbad – aithisg sgrìobhte den deasbad – ri fhaighinn an ath latha.

‘S e a th’ ann an Gnothaichean Bhall ach deasbad air cuspair air a thaghadh le cùl-bheingeire. Tha seo a’ toirt cothrom do Bhuill fa leth aire a thogail mu chùisean anns a bheil ùidh aca, ach nach faigheadh ùine deasbaid ann an dòigh sam bith eile.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Dè rinn sinn an-uiridh? Aithisg bhliadhnail na Pàrlamaid #gàidhlig #gaelic


Dè rinn Pàrlamaid na h-Alba dhut anns a’ bhliadhna 2017-18?

Cia mheud bile is achd a bh’ ann? Cia mheud ceist is gluasad? Cia mheud deasbad is dè na cuspairean? Dè bha na comataidhean againn ris? Dè an obair a rinn sinn anns a’ choimhearsnachd agus le sgoiltean?

Faigh a-mach anns an Aithisg Bhliadhnail as ùire againn. Tha an aithisg bhliadhnail ann an cruth dà-chànanach.

Tha sinn air bhideo goirid a dhèanamh sa Ghàidhlig a’ sealltainn nam prìomh phuingean anns an aithisg.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

 

Cothrom coinneachadh ris an Oifigear Riaghlaidh! Bhideo ùr #gàidhlig #gaelic


Tha an t-Oifigear Riaghlaidh ag iarraidh cluinntinn bho òigridh na h-Alba air cò ris a tha beatha coltach dhaibh agus a bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ freagairt air na feumalachdan aca.

Seo bhideo Gàidhlig ùr a tha sinn air dèanamh.

 

A bheil thu òg? A bheil thu an sàs ann am buidheann òigridh? Eil Gàidhlig agad? Gabh pàirt anns an iomairt seo agus dh’fhaodte gum bi cothrom agad coinneachadh ris an Oifgear Riaghalaidh!

‘S e 31 Iuchar an ceann-latha mu dheireadh airson iarrtas a dhèanamh.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot