Cothrom obrach ann an Aithisg Oifigeil Pàrlamaid na h-Alba – tha #Gàidhlig na buannachd #gaelic


Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh luchd-aithris ùr airson na h-Aithisg Oifigeil.

‘S e a th’ anns an Aithisg Oifigeil ach an clàr sgrìobhte oifigeil de ghnothaichean na Pàrlamaid a bhios a’ clàradh na chaidh a ràdh ann an seòmar is comataidhean na Pàrlamaid cha mhòr facal air an fhacal (’substantially verbatum’). 

Bhiodh Gàidhlig na buannachd airson na h-obair seo agus thathar a’ brosnachadh daoine aig a bheil Gàidhlig gus cur a-steach air a son. Ged nach tèid Gàidhlig a chleachdadh ann an gnothaichean na Pàrlamaid ro thric aig an àm seo, bhiodh cothroman eile ann Gàidhlig a chleachdadh mar phàirt den obair aca.

Ma tha thu air a bhith an sàs ann an obair mar teagasg, foillseachadh, sgrìobhadh, eadar-theangachadh no naidheachd, seo obair a bhiodh air leth freagarrach dhut!

GaelicLPFP

Seo beachd bho Andaidh Philip a tha ag obair anns an Aithisg Oifigeil agus aig a bheil Gàidhlig:

Bidh mi ag obair Dimàirt gu Dihaoine anns an aithisg oifigeil. Mar sin, tha cothrom agam gnothaichean na Pàrlmaid fhaicinn ann an comataidhean agus san t-seòmar-deasbaid. ’S e rud a tha a’ còrdadh rium gu bheil ruideigin ri ionnnsachadh a h-uile latha. A bharrachd air sin, ’s e urram a th’ ann a bhith an làthair nuair a thachras bhòt eachdraidheil no nuair a ghabhas comataidh fianais chudromach.

‘S e Didòmhnaich 18 Màrt an ceann-latha airson iarrtasan. Faodar barrachd fiosrachaidh fhaighinn agus iarrtasan a dhèanamh air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Gheibhear am fiosrachadh air fad mun obair sa Ghàidhlig gu h-ìosal.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Luchd-aithisg oifigeil

A bheil thu dealasach air cànan? Dèidheil air poilitigs is cùisean làitheil? Togarrach air obair a dhèanamh aig cridhe a’ phròiseis dheamocrataich?

Chan eil e gu diofar dè an raon sa bheil thu an-dràsta. Ag obair airson aithisg oifigeil Pàrlamaid na h-Alba, bidh thu ag aithris air cuspairean bho thruailleadh àile gu siorcasan siubhail, ionmhas riaghaltais ionadail gu foghlam tràth-bhliadhnaichean, reataichean gnothachais gu eucoir fhiadh-bheatha. Mar sin, tha e cudromach dhuinne gu bheil daoine againn a thàinig bho raon de shuidheachaidhean a tha cho diofraichte ’s a ghabhas, le eòlas agus ealantas tarsainn an raoin de chuspairean a tha a’ tighinn an àirde ann an seòmar Pàrlamaid na h-Alba agus sna comataidhean aice.

Tha e cudromach cuideachd gu bheil sàr-ghreim agad air a’ Bheurla, inntinn a tha geur is ceasnachail agus teòmachd phoilitigeach. Feumaidh tu a bhith misneachail gus breithneachaidhean earbsach a dhèanamh a dh’aindheoin cudrom na h-obrach, agus feumaidh gach cuid sùbailteachd agus ath-leumachd (resilience) a bhith agad agus tu ag obair ann an àrainneachd thrang a tha a’ sìor-atharrachadh, ag obair gu cinn-ama a tha teann.

Chan e dìreach an cruth-tìre poilitigeach a tha ag atharrachadh. Tha sinn airson an Aithisg Oifigeil a chruth-atharrachadh gu bhith na goireas didseatach a tha tarraingeach, so-lorgachaidh agus a ghabhas ath-chleachdadh. Mar sin, ma tha eòlas agad a bhiodh gar cuideachadh sin a lìbhrigeadh, tha sinn gu mòr airson cluinntinn bhuat. Ged ’s ainneamh a bhios sinn ag aithris òraidean Gàidhlig chuireamaid fàilte air tagraidhean bhuapasan aig a bheil comas ann an Gàidhlig sgrìobhte. Dh’fhaodadh gum bi cothroman ann cuideachd a chur ri stuth Gàidhlig tarsainn na buidhne.

Tha grunn dhreuchdan maireannach againn ri fhaotainn. Bidh e mar phrìomh amas agad Aithisgean Oifigeil a dhèanamh a tha mion-cheart, soilleir agus gun leth-bhreith de dh’imeachdan san t-seòmar agus sna comataidhean, far am bi thu an làthair mar a dh’iarrar ort gus notaichean a thoirt de na tha a’ tachairt. Bidh thu cuideachd a’ dearbh-leughadh is a’ cumail na tasglann didseataich againn, agus bidh cothroman ann a bhith a’ stiùireadh phròiseactan gus ar n-aithisgean is seirbheisean a leasachadh, a bharrachd air pàirt chudromach a ghabhail ann an iomairtean tarsainn na Pàrlamaid.

Tha sinn a’ sireadh dhaoine a dh’obraicheas trì làithean san t-seachdain nuair a tha a’ Phàrlamaid a’ suidhe (mar is àbhaist, 36 seachdainean gach bliadhna). Gheibhear barrachd fiosrachaidh air clàr-ama na h-obrach san tuilleadh fiosrachaidh air an obair. Tha sinn air bhioran leis a’ chothrom a chur fàilte air buill ùra don sgioba eòlach, fhàilteach againn. Ma tha thusa air bhioran leis a’ chothrom a bhith ag obair aig cridhe beatha phoblach na h-Alba, a’ cur nan sgilean deasachaidh agad gu dearbhadh ann an àrainneachd phoilitigeach a tha inntinneach agus innsgineach, tha sinn a’ dèanamh fiughair ri chluinntinn bhuat.

Mar a chuireas tu tagradh a-steach

Sa chiad ìre den phròiseas, tha deuchainn deasachaidh ri choileanadh a bharrachd air foirm-iarrtais. Gheibhear barrachd stiùiridh air an deuchainn deasachaidh air bileag na deuchainne. Air an fhoirm-iarrtais, feuch gun dèilig thu ri gach cuspair-deuchainn san earrann “Sgilean, eòlas agus fèin-fhiosrachadh a tha riatanach”, mar a tha am foirm a’ mìneachadh. Feuch gun cuir thu an deuchainn deasachaidh agus am foirm-iarrtais, air an coileanadh, gu jobs@parliament.scot ro dheireadh Didòmhnaich 18 Màrt 2018.

Ma tha thu soirbheachail aig a’ chiad ìre, gheibh thu fiathachadh barrachd dheuchainnean deasachaidh a dhèanamh aig oifisean na h-aithisg oifigeil ann an togalach Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 9 Giblean.

Gheibh luchd-tagraidh a tha soirbheachail aig an ìre sin fiathachadh a thighinn gu agallamh san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 23 Giblean.

Dhaibhsan a chuirear an dreuchd, bidh an cothrom buannachd fhaighinn à prògram trèanaidh a thòisicheas air Dimàirt 5 Ògmhios agus a mhaireas 10 seachdainean (a’ fàgail a-mach fosaidhean—faic tuilleadh fiosrachaidh air an obair), anns am bi measgachadh de thrèanadh stèidhichte san t-seòmar-teagaisg agus trèanadh air an obair, le tòrr de ghnàth-eòlas air diofar imeachdan pàrlamaideach. Dh’fhaodadh gum bi sinn a’ ruith prògram trèanaidh eile san Damhar—feuch gun dèan thu iomradh air an fhaotainneachd agad agus air cò dhiubh as fheàrr leat. Bidh an dà phrògram trèanaidh a’ ruith bho Dhimàirt gu Diardaoin, agus feumaidh tu a bhith an làthair aig aonan dhiubh.

Catherine Grant – Neach-aithisg oifigeil

Le bhith ag obair trì làithean san t-seachdain, tha e comasach dhomh raon iomlan de ghnothachas pàrlamaideach fhaicinn, agus tha ùine agus rùm agam fhathast airson ùidhean eile a leantainn a bharrachd air cùram a ghabhail air seann dlùth-charaid.

Staff Tha an t-seachdain agam a’ tòiseachadh madainn Dimàirt, nuair as àbhaist dhomh a bhith an làthair aig coinneamhan Comataidh Slàinte is Spòrs, agus tha mi a’ crìochnachadh feasgar Diardaoin, mar as àbhaist ag èisteachd ri agus ag aithris air deasbadan san t-seòmar. Tha e trang, ach chan fhaighear mòran obraichean pàirt-ùine far am faod thu a bhith an teis-mheadhan ghnothaichean nuair a tha eachdraidh ga dèanamh—bha mi san t-seòmar airson an deasbaid air pòsadh co-ionnan, nuair a bha buill a’ dèanamh òraidean cumhachdach agus faireachail air an fhèin-fhiosrachadh phearsanta aca de chlaon-bhreith.

Àm Cnuasachaidh ann am BSL #gaidhlig #BSL


Gach seachdain bi gnothaichean san t-Seòmar a’ tòiseachadh feasgar Dimàirt le Àm Cnuasachaidh.

An t-seachdain seo, chaidh a thoirt seachad le Jemma Skelding, a tha na sgoilear aig Àrd-sgoil na h-Eaglais Brice agus a tha 12 bliadhna a dh’aois.

Thug i seachad an Àm Cnuasachaidh ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn, BSL, an cànan màithreil aice.

Seo bhideo mu Jemma aig Àm Cnuasachaidh.

 

Tha teacsa an Àm Cnuasachaidh ri fhaighinn ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

Chaidh Àm Cnuasachaidh a dhèanamh sa Ghàidhlig uair, air ais ann an 2003, nuair a chaidh a thoirt seachad leis an Urr Donnachadh MacLeòid. Faodar sin a leughadh anns an Aithisg Oifigeil.

 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot