Tha am Pannal Shaoranach air Com-pàirteachadh air an aithisg aca fhoillseachadh agus tha iad air 17 molaidhean a dhèanamh dhan Chomataidh Com-pàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach air leasachadh mar a tha obair Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail a-steach, a’ nochdadh, agus a’ coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan uile a tha i a’ riochdachadh, le fòcas air leasachadh conaltradh dhaibhsan aig nach eil riochdachadh gu leòr an-dràsta.
Tha a’ Chomataidh a-nis air aithisg eadar-amail fhoillseachadh agus air co-chomhairle a chur air bhog air ùrlar Your Priorities aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air dè na molaidhean air am bu chòir prìomhachas a chur agus dè a dh’fheumar a dhèanamh gus an lìbhrigeadh.
Tha sinn gu mòr airson beachdan coimhearsnachd na Gàidhlig a chluinntinn agus thathar a’ cur fàilte air beachdan na Gàidhlig.
Bidh an deasbad air-loidhne fosgailte gu 10 Gearran 2023
Às dèidh co-chomhairle, tha Liz Nic a’ Ghobhainn BPA air am moladh deireannach aice airson Bile Buill a chur a-steach gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig òigridh air foghlam a-muigh: Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh a-muigh) (Alba):
Moladh airson Bile gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga, gu sònraichte sa chiad cheithir bliadhna den àrd-sgoil, cothrom foghlam còmhnaidh a-muigh fhaighinn aig inbhe foghlaim aontaichte.
Faodar am bile agus geàrr-chunntas air a’ cho-chomhairle a leughadh sa Ghàidhlig air làrach-lìn a’ Bhile.
Fhuaireadh grunn fhreagairtean mu fhoghlam Gàidhlig sa cho-chomhairle agus leughar iad air td 14/15 den làn aithig co-chomairleachaidh.
Tha mìos aig a’ mholadh seo gus taic fhaighinn bho BhPA eile. Faodar sùil a chumail air an ìre de thaic air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Tha tòrr mholaidhean airson Bilean Buill ann an-dràsta agus faodar an leantainn air an làraich-lìn.
Tha Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainiteachd Shòisealta Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh ann an Uibhist an-diugh is a-màireach. Tha seo mar phàirt den rannsachadh aca air obair phàrantan agus bochdainn chloinne.
Faodaidh tu turas na Comataidh a’ leantainn air Twitter air cunntas na Comataidh @SP_SJSS, @ParlAlba agus air @Engage_SP – sgioba com-pàirteachaidh na Pàrlamaid.
Dealbh (c) Hugh Spicer
Seo fios naidheachd na comataidh mun rannsachadh air cosnadh phàrantan agus mar a bheir seo buaidh air bochdainn chloinne.
Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ dèanamh rannsachadh fad-bliadhna air cosnadh phàrantan agus mar a bheir e buaidh air bochdainn cloinne.
Tha a’ Chomataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta ag iarraidh tuigse fhaighinn air mar a tha Riaghaltas na h-Alba ag obair le ùghdarrasan ionadail, luchd-fastaidh agus buidhnean com-pàirteachais airson pàrantan a chuideachadh gus obair fhreagarrach a lorg no gluasad gu obair le pàigheadh nas fheàrr.
Is e dèiligeadh ri bochdainn cloinne fear de dh’àrd phrìomhachasan an Riaghaltais agus tha iad air comharrachadh gu bheil dèanamh cinnteach gu bheil cosnadh iomchaidh aig pàrantan na dhòigh sheasmhach air seo a choileanadh.
Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air mar a tha diofar phoileasaidhean an Riaghaltais a’ toirt buaidh air na cothroman cosnaidh a tha aig pàrantan, a’ gabhail a-steach poileasaidhean air sochairean, cùram-cloinne agus còmhdhail.
Bidh an rannsachadh a’ cuimseachadh air an taic a tha ri fhaighinn do bhuidhnean dhaoine a tha ann an cunnart bochdainn nas motha, a’ gabhail a-steach màthraichean fo aois 25, pàrantan singilte, teaghlaichean mion-chinnidh, pàrantan le clann fo aois bliadhna, pàrantan le triùir cloinne no barrachd agus teaghlaichean far a bheil ciorram air cuideigin.
Bha fios-air-ais neo-fhoirmeil a chualas bho phàrantan nuair a thadhail a’ Chomataidh air Dail Mheàrnaig na chuideachadh dhaibh a’ comharrachadh cuid de na cuspairean air am bu mhath leotha tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh, a’ gabhail a-steach misneachd, cothrom air foghlam adhartach is àrd-ìre agus leasachadh sgilean.
Anns an Fhaoilleach tha dùil gun tadhail buill na Comataidh air pròiseactan ann an Siorrachd Àir a Tuath agus Uibhist a Deas a dh’fhaicinn mar a tha taic-cosnaidh phàrantan ga lìbhrigeadh agus gus beachdan phàrantan a chluinntinn. Tha a’ Chomataidh an dòchas, le bhith a’ tadhal air dà àite gu math eadar-dhealaichte, gum faigh iad tuigse nas fheàrr air eadar-dhealachaidhean ann am feumalachdan air feadh na h-Alba.
Thuirt Natalie Don, Neach-gairm na Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta:
“Tha mi toilichte gu bheil pàirt fhoirmeil an rannsachaidh seo a’ tòiseachadh a-nis agus gum bi sinn a’ bruidhinn ri pàrantan air a’ mhìos seo. Tha fios againn gu bheil e nas duilghe do chuid de theaghlaichean a’ chùis a dhèanamh air cosgaisean a phàigheadh, mar eisimpleir, teaghlaichean le dìreach aon phàrant no teaghlaichean le ’s a bheil cuideigin a tha ciorramach. Sin an t-adhbhar a tha e cudromach gu faigh sinn air na beachdan aca a chluinntinn.
“Bidh an rannsachadh againn a’ dol nas fhaide na dìreach barrachd phàrantan fhaighinn a-steach gu obair. Bidh leasachadh chothroman cosnaidh do phàrantan na lùib, le cùram-cloinne agus còmhdhail a bheir taic dhaibh fuireach ann an obair agus adhartas dhèanamh ann cho fada ’s a thogras iad agus cuideachd bidh e a’ sgrùdadh dè an ìre gu bheil luchd-fastaidh a’ beachdachadh air agus a’ toirt taic do dhleastanasan phàrantan.
“Le bhith a’ cleachdadh na chluinneas sinn tron rannsachadh againn faodaidh sinn molaidhean soilleir a thoirt do Riaghaltas na h-Alba.”
Tha dùil gun cuir a’ Chomataidh co-chomhairle nàiseanta air bhog mar phàirt den rannsachadh aca tràth am-bliadhna.