Gairm fianais: Beachdan gan sireadh air Bile an Taigheadais


Comataidhean Taigh an Ròid a’ cur Co-chomhairle air bhog còmhla air a’ Bhile Taigheadais ùr a tha a’ cuimseachadh air Dìth Dachaigh agus Còraichean Theanantan  

Tha a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail, Taigheadais is Dealbhaidh agus a’ Chomataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta aig Pàrlamaid na h-Alba air co-chomhairle phoblach ùr a chur air bhog còmhla an-diugh air Bile Taigheadais (Alba) Riaghaltas na h-Alba. 

Taighean gan togail. Còir lethbhreac 2008, Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.

Tha sia prìomh phàirtean anns a’ Bhile, a’ dèiligeadh ri raointean leithid riaghladh màil, modhan obrach a thaobh a bhith a’ cur daoine a-mach à taighean, còraichean theanantan, agus casg air dìth dachaigh.  

Tha e ag amas air ceumannan a thoirt a-steach gus dìon theanantan a neartachadh, casg a chur air daoine a bhith gun dachaigh, agus fuasglaidhean taigheadais seasmhach a chur air adhart. 

Mus deach am Bile a thoirt a-steach don Phàrlamaid, stèidhich a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail, Taigheadais agus Dealbhaidh Pannal Theanantan agus Pannal Uachdarain, a’ riochdachadh theanantan agus uachdarain bho air feadh na h-Alba, gus comhairle a thoirt don Chomataidh air na prìomh chùisean ann an roinn màl prìobhaideach na h-Alba.  

Bheir na pannalan sin a-nis fios air ais mun Bhile còmhla ris na freagairtean don cho-chomhairle phoblaich gus fiosrachadh a thoirt do sgrùdadh an dà Chomataidh air na molaidhean.  

A’ bruidhinn aig fosgladh co-chomhairle na Comataidh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Riaghaltas Ionadail, Taigheadais is Dealbhaidh Ariane Burgess BPA: 

“Tha Bile Taigheadais ùr a’ toirt cothrom ath-leasachaidhean brìoghmhor a chur an gnìomh a bheir deagh bhuaidh air beatha theanantan, luchd-seilbh dhachaighean agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. 

“Fiù‘s mus deach am Bile fhoillseachadh, bha sinn mar-thà air a bhith a’ cruinneachadh bheachdan bho na Pannalan Theanantan is Uachdaran againn gus ionnsachadh mu na dh’fheumas an dà chuid bho reachdas ùr.  

“A-nis tha sinn airson cluinntinn bho dhaoine eile aig a bheil ùidh ann am poileasaidhean taigheadais na h-Alba, gus dèanamh cinnteach gu bheil am Bile a’ freagairt air agus a’ nochdadh nan dùbhlan mòra a tha mu choinneamh na roinne.”  

Thuirt Collette Stevenson BPA, Neach-gairm na Comataidh Ceartas Sòisealta is Tèarainteachd Shòisealta, aig a bheil an raon-ùghdarrais a thaobh sgrùdadh air taobhan den Bhile a’ buntainn ri dìth dachaigh agus fòirneart san dachaigh:  

“Bu chòir àite blàth sàbhailte a bhith aig a h-uile duine sam fuirich iad agus bu chòir dèiligeadh ri dìth dachaigh air feadh na h-Alba a bhith na phrìomhachas dhuinn uile.  

“Tha na molaidhean anns a’ Bhile seo ag amas air am fòcas a ghluasad air falbh bho eadar-theachd (intervention) èiginneach agus a dh’ionnsaigh casg a chur air dìth dachaigh. 

“Tha e cudromach gun cluinn sinn bho raon farsaing de luchd-ùidh, a’ gabhail a-steach teanantan, uachdarain, buidhnean tagraidh, ùghdarrasan ionadail, agus buill den phoball, gus tuigsinn a bheil na molaidhean a’ dol fada gu leòr gus casg a chur air an uimhir de dhaoine a’ fulang èiginn.”  

Gus pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle agus gus cur ri bhith a’ cumadh suidheachadh taigheadais na h-Alba san àm ri teachd, thathar a’ toirt cuireadh do dhaoine fa leth agus do bhuidhnean am beachdan a chur a-steach tro phortal co-chomhairle oifigeil Pàrlamaid na h-Alba a gheibhear aig www.parliament.scot  

Am measg nam prìomh raointean airson fios air ais tha: 

  • Innealan riaghladh màil agus ceumannan prìs ruigsinneach. 
  • Còraichean teanaint air peataichean a bhith aca agus atharrachaidhean a dhèanamh air an dachaigh. 
  • Ro-innleachdan for-ghnìomhach (proactive) le ùghdarrasan ionadail airson casg dìth dachaigh. 
  • Leasachaidhean air modhan obrach a thaobh a bhith a’ cur daoine à dachaighean agus dìon theanantan. 

Tha a’ cho-chomhairle a-nis beò agus bidh e fosgailte gu Dihaoine 17 Cèitean 2024.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseas co-chomhairle agus gus beachdan a chur a-steach, tadhail air Co-chomhairle air Bile an Taighaedais (Alba) – Pàrlamaid na h-Alba – Citizen Space 

Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig, sa Bheurla, san Scots no ann an cànan sam bith eile.