Fios naidheachd: Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid a’ cur taic ri Bile Cìs nan Agragaidean


Tha Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich (FPAC) aig Pàrlamaid na h-Alba air aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile a chruthaicheas Cìs Agragaidean (Aggregates) Albannach (SAT) – cìs air cleachdadh malairteach de stuthan leithid creag is morghan a thathar a’ cleachdadh anns a’ ghnìomhachas togail.

Bidh am Bile a’ lìbhrigeadh dreach tiomnaichte de chìs agragaidean na RA, stèidhichte an-dràsta aig £2.03 an tunna.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur an cèill gu bheil iad airson cleachdadh a chur am meud air stuthan togail ath-chuairtichte ach chan eil iad air innse fhathast an cur iad a’ chìs an-àirde gus ceumannan leithid seo a bhrosnachadh.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich, Coinneach Gibson:

“Tha a’ Chomataidh taiceil do dh’ amasan a’ Bhile. Ach, tha sinn mothachail air a’ ghainnead dàta a th’ air a chruinneachadh le HMRC fo sgeama làithreach na RA.

“Tha feum air mòran a bharrachd rannsachaidh agus dàta gus fiosrachadh a thoirt don phròiseas suidheachadh reataichean ann an dòigh a chuireas ris na h-amasan àrainneachd a tha air an ainmeachadh anns a’ mheòrachan poileasaidh.

“Tha dragh oirnn cuideachd mun uiread chuaraidhean anns nach eilear a’ cur cìs air agragaidean; cuspair ris am feumar dèiligeadh.

“Tha am meòrachan poileasaidh ag ràdh gun toir am Bile taic do mhiann Riaghaltas na h-Alba airson eaconamaidh chearcallach tro bhith:

“a’ brosnachadh na h-ìre as lugha de chleachdadh a tha riatanach de phrìomh agragaidean… a’ meudachadh cleachdadh dàrna agragaidean agus agragaidean ath-chuartaichte, agus … a’ brosnachadh ùr-ghnàthachadh is leasachadh no stuthan eile”.

“Gus cur ri coileanadh nan àrd-amasan àrainneachdail sin feumaidh Ministearan na h-Alba beachdachadh am bu chòir dhaibh a’ chìs a chur an-àirde aon uair ’s gu bheil e tiomnaichte.

“Bu mhath leinn barrachd obrach fhaicinn ga dhèanamh gus tasgadh a bhrosnachadh ann an ath-chuairteachadh agus sgur a bhith a’ cur uiread stuth ann an lìonadh-fearainn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn toraidhean suirbhidh Riaghaltas na h-Alba, a tha ga dhèanamh an-dràsta a chuidicheas le co-dhùnaidhean mu shuidheachadh reataichean cìse.”

Cùl-fhiosrachadh

  1. Chaidh am Bile a thoirt a-steach air 14 Samhain 2023 agus tha e a’ dèanamh ullachadh airson Cìs nan Agragaidean Albannach (“SAT”), cìs air cleachdadh malairteach prìomh agragaidean, a bhios air a rianachd le Teachd a-steach Alba.
  • Tha am Bile cuideachd a’ dèanamh grunn atharrachaidhean air Achd Teachd-a-steach na h-Alba agus Cumhachdan Cìse 2014 (RSTPA) a thaobh rianachd chìsean tiomnaichte.
  • Tha e na rùn aig Riaghaltas na h-Alba, ma thèid am Bile a chur an gnìomh agus an dàrna reachdas riatanach aontachadh leis a’ Phàrlamaid, gun tèid Cìs nan Agragaidean Albannach a thoirt a-steach bho 1 Giblean 2026.
  • Mar a chaidh a mhìneachadh anns a’ mheòrachan poileasaidh, chaidh am Bile a thoirt a-steach gu h-àraidh mar thoradh air ceumannan ann an Achd na h-Alba 2016, a leig le Pàrlamaid na h-Alba reachdas a dhèanamh airson cìs an àite Cìs Agragaidean na RA (UKAL) ann an Alba.
  • Tha am Bile a’ moladh gun tèid Cìs nan Agragaidean Albannach a chruinneachadh agus a stiùireadh le Teachd a-steach Alba, mar an t-ùghdarras chìsean le uallach airson rianachd chìsean tiomnaichte ann an Alba. A rèir nan notaichean mìneachaidh, mar a tha le UKAL, is e cìs àrainneachd a th’ ann an Cìs nan Agragaidean Albannach a tha ag amas air cladhach prìomh agragaidean (sin, feadhainn ùr) a lughdachadh.

Leugh an aithisg shlàn: Aithisg Ìre 1 air Bile Cìs nan Agragaidean agus Rianachd Chìsean Tiomnaichte (Alba).