Bile nan Eilean – dè do bheachd?


A bheil thu a’ fuireach air eilean? An e eileanach a th’ annad? No a bheil ùidh agad ann an cùisean eileanach?

Bu toil le Comataidh Eaconomaidh Dùthchail is Co-cheangailteachd cluinntinn bhuat!

Fàilte gu Eilean nam Muc

Fàilte gu Eilean nam Muc

Tha a’ chomataidh a’ dèanamh obair cho-chomhairleachaidh an-dràsta air Bile nan Eilean (Alba).

Tha tòrr diofar amasan poileasaidh ann am Bile nan Eilean:

  • Tha am Bile a’ stèidheachadh dleastanas air Riaghaltas na h-Alba gus Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh agus a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba
  • Fon Bhile bidh aig Ministearan na h-Alba agus cuid a dh’ùghdarrasan poblach Albannach ri measaidhean a dhèanamh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig poileasaidhean air na h-eileanan.
  • Tha am Bile a’ moladh gun tèid dìon a dhèanamh air crìochan na roinne-pàrlamaid, “Na h-Eileanan an Iar”, gus nach tèid atharrachadh. A bheil sibh ag aontachadh ri sin?
  •  Tha am Bile a’ moladh saoradh bho na riaghailtean airson uàrdan-taghaidh riaghaltais ionadail gus an urrainn do sgìrean, sa bheil eileanan air a bheil daoine a’ fuireach, a bhith taghadh 1 no 2 bhall (an àite 3 no 4 mar a bhios a’ tachairt gu h-àbhaisteach).
  • Cruthaichidh am Bile cumhachd laghail do Mhinistearan na h-Alba far an urrainn dhaibh sgeama ceadachd mara a stèidheachadh airson uisgeachan faisg air a’ chosta.

Tha a’ chomataidh airson cluinntinn bhuat air na ceistean sin uile.

Tha Gairm fianais (Gàidhlig) aig a’ chomataidh le barrachd fiosrachaidh mun bhile is mun cho-chomhairle.

Tha barrachd fios mun cho-chomhairle agus mun bhile ri fhaighinn air làrach-lìn na Comataidh.

‘S e 25 Sultain an ceann-latha mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach. Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Alasdair

Do Phàrlamaid – dè do bheachd? Coinneamh san Eilean Sgitheanach @ParlyReform @SabhalMorOstaig #gàidhlig


Ma tha thu a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, na diochuimnich gu bheil coinneamh gu bhith aig a’ Choimisean air Ath-leasachadh Pàrlamaideach aig Sabhal Mòr Ostaig an-diugh.

ath-leasachadh

Na diochuimhnich cuideachd gu bheil an obair cho-chomhairleachaidh a’ dol air adhart gu 27 Màrt.

Ma tha beachd sam bith agad air ma a tha a’ Phàrlamaid ag obair dhut, faic làrach-lìn a’ choimisein airson barrachd fiosrachaidh. Mar eisimpleir, a bheil thu a’ faireachdainn gu bheil a’ Phàrlamaid ruigsinneach dhut mar neach-labhairt Gàidhlig?

Alasdair

Seiseanan foghlaim #Gàidhlig rim faighinn!


Tha na leabhraichean air fosgladh an-diugh airson seiseanan foghlaim air an ath theirm sgoile. Tha seiseanan Gàidhlig agus seiseanan dà-chànanach rim faighinn airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil.

img_1130

Ma tha an clas/sgoil agaibh airson’s gun tig cuideigin bhon phàrlamaid a-mach dhan sgoil agaibh airson seisean spòrsail is eadar-obrachail mu obair na Pàrlamaid, nì sinn sin ann an àite sam bith ann an Alba.

Airson clàradh no airson barrachd fiosrachaidh, faic làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair