35 bliadhna bho Earrann 28 – agallamh le Jim Whannel


Bidh an Fhèis Phoileataigs a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi fada. Mar phàirt den phrògram, bidh Jim Whannel, neach-foghlaim a tha dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, a’ gabhail pàirt ann am pannal beachdachaidh mun bhuaidh aig Earrann 28. Chuir sinn beagan cheistean air Jim mun tachartas agus seo na bh’ aige ri ràdh!

Mar as àbhaist le agallamhan air a’ bhloga seo, seo beachdan pearsanta agus dh’fhaodte nach ionann iad agus beachdan Buidheann Choporra Pàrlamaid na h-Alba.

  • Jim, tha thu gu bhith an sàs ann an tachartas aig an Fhèis Phoileataigs an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba a dh’aithghearr. An innse thu rud beag dhuinn mu dheidhinn?

’S e seo an 19mh Fèis Phoileataigs aig Pàrlamaid na h-Alba – sa phrògram tha coinneamhan aghaidh ri aghaidh aig a’ Phàrlamaid fhèin is tachartasan eile air-loidhne air raon farsaing de dhiofar chuspairean. A thaobh nan tachartasan mu phoileataigs bidh coinneamhan ann air an t-suidheachadh ann an Ucràin, gràin-cinnidh, craoladh san àm ri teachd agus ealain is cultar ann an Alba agus an tachartas far am bi mi fhìn a’ bruidhinn – a’ comharrachadh 35 bliadhna bho Earrann 28 (Section 28 / Earrann 2a ann an Alba). Tha làn-fhiosrachadh air a’ phrògram (a’ gabhail a steach nan tachartasan ann am Bàr Café na Fèise – prògram fa leth de cheòl, còisirean, dannsa is taisbeanaidhean far am bi fàilte chridheil air a h-uile duine) aig

www.festivalofpolitics.scot

  • Innis dhuinn beagan mu do dheidhinn – cò thu?

Thòisich mi a‘ teagaisg (san t-siostam bun-sgoile) aig deireadh nan 80an dìreach às dèidh Earrann 28 ann an 1988. Bha mi nam cheannard bun-sgoile ann an Glaschu, is an uair sin chaidh mo chur an dreuchd mar Chomhairliche Foghlaim  ann an 2002 – le dleastanasan, am measg cuspairean eile, airson leasachadh Foghlam tro Ghàidhlig ann an Glaschu. Stiùirich mi an sgioba a lìbhrig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh’fhosgail gu foirmeil ann am 2006. Theagaisg mi air a’ phrògram MA Gàidhlig le Foghlam Bun-sgoile aig Oilthigh Dhùn Èideann agus leig mi dheth mo dhreuchd mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig aig tòiseach na bliadhna seo.

Tha mi air a bhith a’ gabhail pàirt ann am buidhnean iomairt airson daoine gèidh bho na 70an nuair a bha mi aig Oilthigh Ghlaschu – saor-thoileach air Lesbian/Gay Switchboard, Cathraiche PHACE Scotland (buidheann taice nàiseanta airson daoine le AIDS/HIV), Pròiseact Talla Coimhearsnachd Gèidh Ghlaschu agus bha mi nam bhall air Comataidh Cho-ionnanachd an EIS cuideachd. Dh’obraich mi air na h-iomairtean an aghaidh Earrann 28 eadar 1987 is 88 (nuair a bha am Bile a’ dol tro Phàrlamaid na RA) agus san iomairt gus an Earrainn às-ghairm ann am Pàrlamaid na h-Alba ann 2000.

  • Innis dhuinn mu Earrann 28 – dè a bh’  ann, agus carson a rinn thu iomairt na aghaidh?

Ghabh Pàrlamaid na RA ri Earrann 28 ann an 1988 fon Riaghaltas aig Mairead Thatcher. Thoirmisg e ùghdarrasan ionadail bho bhith “a’ cur air adhart co-sheòrsachd no stuthan fhoillseachadh airson co-sheòrsachd a chur air adhart” agus thoirmisg e “a bhith a’ teagaisg gun robh co-sheòrsachd iomchaidh mar dàimh teaghlaich mas fhìor – teaching of the acceptability of homosexuality as a pretended family relationship”.

Bha e beagan coltach ri bhith a’ gabhail a’ bhus ann an Alabama le daoine dubh aig a’ chùl is daoine geal a mhàin aig a’ bheulaibh – a sheas Rosa Parks an aghaidh gu gaisgeil ann an 1955 – bha Earrann 28 ag ràdh gu bheil daoine gèidh san dàrna chlas – gun robh iad neo-ionann ri daoine eile. Gu seachd àraid ann an sgoiltean dh’adhbharaich seo fèin-cheansarachd – feagal gum biodh fiù ’s iomradh sam bith mu dheidhinn co-sheòrsachd mì-laghail (agus feagal am measg ùghdarrasan ionadail gum biodh maoineachadh sam bith airson seirbheisean/pròiseactan a bha a’ toirt seachad taic gu daoine gèidh, mì-laghail cuideachd). Ann am prionnsabal smaointich mi gun robh sin ceàrr, mì-cheart is leth-bhreitheach.

  • Tha còrr is 20 bliadhna ann a-nis bho chaidh Earrann 28 ath-ghairm – ciamar a tha cùisean air atharrachadh bhon uair sin?

Tha an suidheachadh ann an Alba agus san Rìoghachd Aonaichte gu tur eadar-dhealaichte  airson boireannaich is fireannaich gèidh a-nis. Nuair a chaidh Earrann 28 tro Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte bha e laghail, mar eisimpleir, cuideigin a chur a mach à dreuchd a chionn ’s gun robh iad leasbach no gèidh, cha robh pòsaidhean gèidh ceadaichte agus a rèir British Social Attitudes Survey 1987 bha 75% den t-sluagh den bheachd gun robh co-sheòrsachd an-còmhnaidh ceàrr no ceàrr sa mhòr-chuid (le dìreach 11% den bheachd nach robh i ceàrr idir). Ma dh’fhaoidte le figearan fiù ’s nas miosa ann an Alba – cuimhnich gun robh co-sheòrsachd fhireann mì-laghail ann an Alba gu 1980.

Tha obair fhathast ri dhèanamh tha fhios a’m agus uaireannan cluinnidh tu fhathast beachdan a tha nam briseadh-dùil ach tha rudan fada nas fheàrr na bha iad ann 1988. Le stiùir bho dhiofar riaghaltasan ann an Alba agus leis an obair thar-phàrtaidh a’ cur air adhart co-ionannachd sa Phàrlamaid seo, tha sinn air faicinn gu bheil beachd a’ mhòr-shluaigh air atharrachadh gu mòr. Tha an obair air leth a tha TIE – Time for Inclusive Education – a’ dèanamh ann an sgoiltean – ag obair air an talamh le òigridh a’ cuideachadh gus beachdan atharrachadh a’ dèanamh diofar gun teagamh. Tha e cudromach nach eil sinn nar tàmh– gu seachd àraid leis na cunnartan a’ nochdadh a-rithist thall thairis, san Spàinnt, san Eadailt, san Rùis agus anns na Stàitean Aonaichte, ach tha mi dòchasach nach fhaic sinn Alba reachdas nimheil leithid Earrann 28 a-rithist.

Thèid an tachartas a chumail Diciadain, 10 Lùnastal 2023 eadar 3.15f agus 4.45f.
Gheibhear barrachd tiocaidean agus barrachd fiosrachaidh mun tachartas air làrach-lìn na Fèis Poileataigs.