Fios naidheachd: Dè na prìomh chùisean a tha mu choinneamh seirbheisean slàinte is cùram sòisealta na h-Alba?


Thathar ag iarraidh air muinntir a’ phobaill fios a chur chun na Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs  a mholadh cheistean agus chùisean a bu toil leotha a thogail le Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Cùraim Shòisealta.

Chaidh cuireadh a thoirt do Mhìcheal MacMhathain BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ath-bheothachadh NHS, Slàinte agus Cùraim Shòisealta nochdadh air beulaibh na Comataidh air 12 Sultain agus tha a’ Chomataidh airson ionnsachadh dè na ceistean a bu toil leis a’ phoball agus an fheadhainn a tha ag obair ann an slàinte is cùram a bhiodh a’ Chomataidh a’ faighneachd dha.

Mìcheal MacMhathain BPA

Tha a’ Chomataidh air co-chomhairle a chur air bhog far am faod muinntir a’ phobaill ceistean agus cùisean co-cheangailte ri slàinte is cùram sòisealta a mholadh a dh’fhaodadh Buill na Comataidh a thogail le Rùnaire a’ Chaibineit nuair a nochdas e.

Is ann dìreach air ceistean a tha buntainneach do raointean dleastanais Rùnaire a’ Chaibineit – ath-bheothachadh an NHS bhon ghalar lèir-sgaoilte, slàinte is cùram sòisealta – a thèid beachdachadh.

Thuirt Clare Haughey BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs:

“Tha e an urra ris a’ Chomataidh againn sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ lìbhrigeadh slàinte is cùram sòisealta, agus ’s e deagh chothrom a tha seo don phoball agus dhaibhsan a tha ag obair ann an roinn na slàinte is cùraim ceistean a mholadh don Chomataidh a chuireas iad air Rùnaire a’ Chaibineit.

“Cuidichidh na ceistean a mholas tu gus fiosrachadh a thoirt don sgrùdadh againn air dòigh-obrach Riaghaltas na h-Alba a thaobh leasachadh agus lìbhrigeadh poileasaidh slàinte is cùraim shòisealta ann an Alba.

“Tha a’ cho-chomhairle fosgailte do na h-uile agus bhiodh sinn air leth toilichte cluinntinn bhuat.”

Cuir do bheachdan don Chomataidh

Is e an ceann-latha airson ceistean a chur a-steach Dihaoine 25 Lùnastal 2023.