Fios naidheachd: Àireamh nan seilleanan aig a’ Phàrlamaid – a’ sgaothadh gu millean!


Tha àireamh nan seilleanan ann am Pàrlamaid na h-Alba air fàs gu còrr is millean beach.

Leis an àireamh de sheilleanan a’ sìor-shoirbheachadh, tha àireamh nan sgeapaichean air an làraich air a dhol am meud, a’ fàs bho 11 an-uiridh gu 15.

Dealbh: Taighean-sheilleanan, Pàrlamaid na h-Alba. (c) SPCB

Chaidh na taighean-sheilleanan a chur an-àirde ann an Gàrradh nam Ball ann am Pàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 2014.

Rè mìosan an t-samhraidh, bidh àireamh nan seilleanan air làrach Thaigh an Ròid ag àrdachadh gu còrr is millean beach, a’ tuiteam air ais gu trian dhe sin tron gheamhradh.

Thuirt am Fìor Urramach Alison  BPA, Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba:

“Mar Phàrlamaid, tha sinn dealasach air a h-uile nì a dhèanamh as urrainn dhuinn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-àm ri teachd so-sheasmhach dhuinn uile.

“Tha na seilleanan seo air a bhith againn bho chionn 2014, agus gu ìre mhòr ’s ann mar gun robh iad a’ buntainn ris an làraich againn.

“Tha iad a’ cluiche pàirt chudromach ann a bhith a’ sealltainn mar bu chòir don a h-uile buidheann an cuid aca fhèin a dhèanamh a thaobh bith-iomadachd a chur air adhart, dèiligeadh ri atharrachadh gnàth-shìde agus beachdachadh air mar a tha sinn a’ cinneasachadh biadh.”

Thuirt Stuart Hood, beachlannair agus sealbhadair ‘Hoods Honey’, a bhios a’ gleidheadh nan sgeapaichean:

“ ’S e seo an naoidheamh bliadhna againn le taighean-sheilleanan air làrach Pàrlamaid na h-Alba. San ùine sin, tha sinn air fàs bho cheithir sgeapaichean suas gu 15 a-nis.

“Is toigh leis na beachan a bhith stèidhichte an seo agus tha iad a’ soirbheachadh san àrainneachd seo, agus tha mi moiteil a ràdh gun deach a h-uile sgeap air an làraich a bhriodadh an seo agus, mar sin, tha iad mar chineal a tha sònraichte do Phàrlamaid na h-Alba.”

Prìomh fhiosrachadh:

  • Is àbhaist gum bi seilleanan a’ cruinneachadh poilean agus neactar aig astar suas gu 2 mhìle, ach le Pàirc Thaigh an Ròid air an stairsnich, chan fheum iad itealaich fada.
  • Aig àirde an t-samhraidh, bidh suas ri eadar 65,000 agus 70,000 beach aig gach sgeap.
  • Gach latha, bidh astar an itealachaidh cho-mheasgaichte airson nam beach itealaich uile ann an aon sgeap co-ionann ri itealaich bhon talamh suas chun na gealaich.
  • Bidh iad ag itealaich aig luaths cuibheasach de 17 m.s.u. nuair a tha iad ag itealaich gu lusan agus aig 12 m.s.u. nuair a tha iad a’ tilleadh làn-luchdaichte leis an spùinn.
  • Tha a’ chèir-sheillein (stuth a gheibhear mar fhrith-bhuaidh beachlannaireachd) ga cleachdadh gus Seula Mòr na h-Alba a lìonadh agus achdan Pàrlamaid na h-Alba a sheulachadh.
  • Mar am poileanadair as cudromaiche san t-saoghal airson bàrr-bìdh, thathar a’ meas gu bheil aon trian den bhiadh a bhios sinn ag ithe gach latha an crochadh air poileanachadh, sa mhòr-chuid le beachan ach cuideachd le meanbh-fhrìdean eile, eòin agus ialtagan.