Cànanan ann am bun-sgoiltean – beachdan a dhìth! #gaidhlig #langsinq


Is e a-màireach (Dihaoine) an latha mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach airson an rannsachaidh aig Comataidh na h-Eòrpa air cànainean ann am bun-sgoiltean na h-Alba agus tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhuat.

Buill den Chomataidh ann an sgoil far a bheil Spanais ga teagasg

Sgoil Naomh Ealasaid, Hamaltan far a bheil Spannais ga teagasg.

Am measg rudan eile, tha iad airson cluinntinn dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg ann am bun-sgoiltean na h-Alba is carson.

Ma tha thu a’ leughadh seo, feumaidh co-dhiù dà chànan a bhith agad agus mar sin, is cinnteach gum bi beachd no dha agad ri cur ris an rannsachadh!

Tha a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg ann am bun-sgoiltean na h-Alba. Faodaidh tu beachd luath a chur air Twitter (@ScotParl no @ParlAlba agus/no leis an taga #langsinq) no air Facebook air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg leis an taga #langsinq no faodaidh tu freagairt nas fhaide is nas mionaidiche a chur dhan chomataidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho làrach-lìn an rannsachaidh.

Facebook

Tapadh leat, merci, danke, gracias, grazie, meur ras, go raibh maith agaibh, dankon, gura mie ayd agus mar sin air adhart!

Alasdair