Hamaltan – fantástico agus braw! #gaidhlig #cananan


Bho chionn beagan is dà sheachdain, chaidh dithis bhall bho Chomataidh na h-Eòrpa aig Pàrlamaid na h-Alba a-mach gu Bun-sgoil Naomh Ealasaid ann an Hamaltan, Siorrachd Lannraig, mar phàirt den rannsachadh aca air cànainean ann am bun-sgoiltean na h-Alba.

Buill den Chomataidh ann an sgoil far a bheil Spanais ga teagasg

Sgoil Naomh Ealasaid, Hamaltan far a bheil Spannais ga teagasg.

Bidh an sgoil a’ teagasg na Spàinntis agus a’ dèanamh tòrr gus a’ chànan a bhrosnachadh tro obair na sgoile air fad.

Bha cathraiche na Comataidh, Christina McKelvie BPA agus Clare Adamson BPA, ball den chomataidh ann cho math ri luchd-obrach na comataidh agus fhuair mi fhèin cothrom a dhol ann gus a’ chomataidh a chuideachadh.

Is e latha gu math ioma-chànanach a bh’ ann oir a bharrachd air Spàinntis, bha Scots gu leòr ri faicinn is ri cluinntinn cuideachd agus a’ chomataidh a’ tadhal air an sgoil air latha Raibeirt Burns. Fhuair a h-uile duine braiste le facal air choireigin san Scots bho dug (cù) agus wee (beag) gu bubblyjock (cearc-Fhrangach) is puggie (muncaidh).

Bha soidhnichean dà-chànanach ann air feadh na sgoile agus chunnaic sinn mar a bha an sgoil a’ ceangal Spàinntis ri rudan eile sa chlàr-oideachaidh mar matamataig, ealain, tìr-eòlas is eile. Bha na ceanglaichean leis a’ chànan cho làidir is mur a robh fios againn gun robh sinn ann an Hamaltan, bhiodh e air a bhith doirbh obrachadh a-mach an e sgoil an Alba a bha a’ teagasg na Spàinntis a bha seo no sgoil anns an Spàinn a bha a’ teagaisg na Beurla!

Soidhne dà-chànanach

Bhruidhinn na buill an uair sin ri manaidsearan is tidsearan na sgoile, sgoilearan à Comhairle na Sgoile agus ri pàrantan aig an robh clann san sgoil a bha ag ionnsachadh cànanan mu na beachdan aca air teagasg chànanan.

Is e latha gu math feumail is inntinneach a bh’ ann.

Tha cothrom aig a h-uile duine ann an Alba am beachdan a chur a-steach dhan rannsachadh seo air cànanan anns a’ bhun-sgoil air ceistean mar dè na cànainean a bu chòir a bhith air an teagasg is carson.

Is e seo an latha mu dheireadh airson fianais a chur a-steach dhan rannsachadh ach faodaidh tu beachdan a chur a-steach gu furasta luath.

Faodaidh tu beachd a chur air Twitter (@ScotParl no @ParlAlba agus/no leis an taga #langsinq) no air Facebook air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg leis an taga #langsinq no faodaidh tu freagairt nas fhaide is nas mionaidiche a chur dhan chomataidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho làrach-lìn an rannsachaidh.

Facebook

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk