Fiosaigs sa Phàrlamaid! #gaidhlig #lhc


Ma tha ùidh agad ann am fiosaigs mhìrean (particle physics) no gu dearbha, saidheans san fharsaingeachd, còrdaidh an taisbeanadh as ùire againn sa Phàrlamaid riut.

Modail den LHC, Pàrlamaid na h-Alba

Tha modail “coisich a-staigh” de Co-bhualadair Mòr Hadron ann an Talla Poblach na Pàrlamaid fad na seachdain seo. Is e Dihaoine 8 Gearran an latha mu dheireadh den taisbeanadh saor is an-asgaidh seo.

Modal den LHC

Tha bileag an taisbeanaidh ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd.

Bileag Ghàidhlig mun LHC

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk