Eadar-theangachadh ri fhaighinn de dheasbad Plana Nàiseanta na #Gàidhlig


Chaidh deasbad a chumail air ais anns a’ Ghiblean mun Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha sinn a-nis air eadar-theangachadh a dhèanamh den deasbad air fad dhan Ghàidhlig. Tha na h-òraidean a rinneadh sa Ghàidhlig ann am faclan a chleachd na BPA fhèin, ach tha sinn air Gàidhlig a chur air na h-òraidean anns a’ Bheurla.

deasbad

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Deasbad mu 10 bliadhna de BBC ALBA an-dè #gàidhlig #gaelic


An do chaill thu an deasbad mu 10 bliadhna de BBC ALBA an-dè?

Na gabh dragh, faodaidh tu a leughadh no a choimhead air a bhidio.

Donald Camerson

Dòmhnall Camshron BPA a’ fosgladh an deasbaid

Faodar teacsa an deasbaid a leughadh anns an Aithisg Oifigeil no faodar coimhead air air SPTV ( is Beurla) no anns a’ Bheurla a-mhàin aig 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot