Pàrlamaid na h-Alba gus beachdachadh air gluasad co-fhaireachdainn airson A Mòrachd a’ Bhanrigh 


Coinnichidh Pàrlamaid na h-Alba Diluain 12 Sultain gus beachdachadh air gluasad co-fhaireachdainn às dèidh bàs A Mòrachd A’ Bhanrigh.   

Bheir seo cothrom do Bhuill air feadh na Pàrlamaid cnuasachadh air beatha seirbheis phoblaich A Mòrachd agus air an dlùth cheangal maireannach aice ri Alba. 

 Air an latha, cuiridh an t-Oifigear Riaghlaidh, Alison Johnstone BPA fàilte air A Mhòrachd An Rìgh agus A’ Bhanrigh Chèile don t-Seòmar mus toir iad cuireadh do gach Ceannard Pàrtaidh bruidhinn air a’ ghluasad.  

  Bheir A Mhòrachd an uair sin seachad freagairt dhan ghluasad. 

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Alison Johnstone BPA: 

“Tha daoine air feadh na h-Alba fhathast a’ caoidh bàs A Mòrachd A’ Bhanrigh agus tha mi airson ar fìor cho-fhaireachdainn a chur an cèill às leth Pàrlamaid na h-Alba do A Mhòrachd an Rìgh agus dhan Teaghlach Rìoghail. 

“Bheir an gluasad co-fhaireachdainn seo cothrom don Phàrlamaid tighinn còmhla mar gus beatha seirbheis phoblaich na Banrigh agus a dlùth cheangal maireannach aice ri Alba a chomharrachadh. 

“Bidh an latha seo cuideachd na chlach-mhìle don dùthaich agus sinn a’ cur fàilte air A Mhòrachd an Rìgh gu Pàrlamaid na h-Alba airson a’ chiad uair mar mhonarc.” 

  Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh fiosrachadh mu rèiteachaidhean nam meadhanan airson a’ ghluasad co-fhaireachdainn a chur a-mach ann am fios eile. 

Fios do na meadhanan

Oifis Conaltraidh na Pàrlamaid 

communications@parliament.scot