Fios naidheachd: Ceistean bunaiteach mu bhuaidh Brexit air sgaoileadh-cumhachd 


Tha ceistean bunaiteach ann air an fheumar aghaidh a chur air mar a bhios sgaoileadh-cumhachd ag obair an taobh a-muigh an AE. Tha an rabhadh seo a’ tighinn bho aithisg ùr le Comataidh Bun-reachd, Eòrpa, Chùisean A-muigh agus Cultair aig Taigh an Ròid.

Anns an aithisg aice, tha a’ Chomataidh a’ cur cuideam air diofaran brìoghmhor eadar beachdan Riaghaltas na RA agus Riaghaltasan na h-Alba agus na Cuimrigh mu rèiteachadh ri lagh an AE san ùine romhainn.  

Tha aithisg na Comataidh a’ dèanamh soilleir gu bheil na diofaran seo a’ togail cheistean bun-reachdail bunaiteach, agus nam measg an ìre dhan fhaod an RA gabhail ri ceithir àrainneachdan riaghlachail eadar-dhealaichte ann am margadh air an taobh a-staigh air an aon rèir, agus a bheil na modhan instituideach a th’ ann gu leòr gus diofaran eadar na ceithir riaghaltasan an taobh a-staigh na RA fhuasgladh nuair a tha easaontaidhean bunaiteach ann mu rèiteachadh ri lagh an AE.

Tha ceist air a’ Chomataidh a thaobh mar a dh’fheumas sgaoileadh-cumhachd atharrachadh gus aghaidh a chur air na ceistean seo. Tha seo a’ gabhail a-steach obrachadh Cunnradh Sewell a tha fo uallach, tha a’ Chomataidh ag aontachadh, an dèidh Brexit agus ìre nan cumhachdan tiomnaichte ùra aig Ministearan na RA ann an raointean fo sgaoileadh-cumhachd a tha ionann, tha a’ Chomataidh ag aontachadh, ri atharrachadh bun-reachdail nach beag.  

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil feum air deasbad poblach fada nas fharsainge air far a bheil cumhachd stèidhichte san rèiteachadh sgaoileadh-cumhachd an dèidh dhan RA an t-AE fhàgail. Feumaidh seo aghaidh a chur air ìre na saorsa riaghlachail an taobh a-staigh margadh na RA.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:

“Mar Chomataidh, tha sinn air na ceistean a th’ oirnn mu na cunnartan do Riaghaltasan fo sgaoileadh-cumhachd mar thoradh air Brexit a nochdadh. Ach tha na ceistean a thathar a’ togail anns an aithisg againn a’ dèanamh soilleir gu bheil ceistean bunaiteach ann air an fheumar aghaidh a chur gun dàil.  

“Gun deasbad nas fharsainge, an dà chuid anns a’ Phàrlamaid seo agus ann an àiteachan eile, bidh na ceistean bunaiteach seo gun fhuasgladh, agus bidh an dòigh sa bheil sgaoileadh-cumhachd ag obair an taobh a-muigh an AE mì-chinnteach fhathast.”

Thuirt Iar-neach-gairm, Dòmhnall Camshron BPA:

“Tha a’ Chomataidh againn den aon bheachd gu bheil feum air deasbad farsaing air na ceistean gu math mòr is toinnte a tha gan togail anns an aithisg againn.  

“Cha bhuin an deasbad seo, ge-tà, dìreach ri Riaghaltasan agus Pàrlamaidean, ach ri gnìomhachasan, ris an t-saoghal chatharra agus ris a’ phoball anns an fharsaingeachd cho math ach am faod sinn na ceistean a th’ ann an-dràsta a tha mu choinneamh chan e a-mhàin Pàrlamaid na h-Alba, ach modh-obrach sgaoileadh-cumhachd anns an fharsaingeachd, a sgrùdadh gu h-iomlan.”