Pàrlamaid na h-Alba a’ cur dàil anns a h-uile gnothach mar chomharra spèis às dèidh bàs A Mòrachd A’ Bhanrigh


Chaidh dàil a chur anns a h-uile gnothach pàrlamaideach aig Taigh an Ròid mar chomharra spèis às dèidh bàs A Mòrachd A’ Bhanrigh.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba am Fìor Urramach Alison Johnstone BPA:

“Às leth Pàrlamaid na h-Alba bu mhath leam ar fìor cho-fhaireachdainn a chur an cèill gu A Mhòrachd Rìgh Tearlach III agus chun an Teaghlaich Rìoghail mu bhàs A Mòrachd A’ Bhanrigh. Is e latha bròin anabarrach a tha seo don dùthaich gu lèir agus àm bròin anabarrach pearsanta don Teaghlach Rìoghail.

“Bha a’ Bhanrigh na boireannach air leth, aig an robh beatha de sheirbheis air leth. Bhon latha a chaidh a’ Phàrlamaid seo a stèidheachadh ann an 1999, sheall A Mòrachd a taic dhaingeann don stèidheachd agus tha luach thar phrìs ga chur air an ùine thug i don dàimh sin agus cho cudromach ’s a bha i ga mheas.

“Gheibh a’ Phàrlamaid cothrom beachdachadh air Gluasad Co-fhaireachdainn, agus cnuasachadh air beatha Monairc air an robh uiread meas agus spèis, agus aig an robh ceangal maireannach ri Alba agus muinntir na h-Alba a leanas fada sa chuimhne.”

Chaidh na brataichean aig Pàrlamaid na h-Alba ìsleachadh mar chomharra spèis.

Fiosrachadh a bharrachd

Bidh a’ Phàrlamaid dùine dhan phoball rè ùine.

Thèid fiosrachadh mun ath shuidhe de Phàrlamaid na h-Alba gus beachdachadh air Gluasad Co-fhaireachdainn a sgaoileadh a dh’aithghearr

Bu chòir do na meadhanan fios a chur gu:

Oifis Conaltraidh na Pàrlamaid: 07879 253130 Email: communications@parliament.scot

Dealbh de Bhanrigh Ealasaid II le Shaun Murawski gus 10th ceann-bliadhna na Pàrlamaid a chomharrachadh
Dealbh de Bhanrigh Ealasaid II le Shaun Murawski gus 10th ceann-bliadhna na Pàrlamaid a chomharrachadh