Co-labhairt Coimhearsnachd Sruighlea – sealladh bho Sheumaidh Uallas #gaidhlig #pdconf


Chùm Pàrlamaid na h-Alba Co-labhairt ann an Sruighlea an t-seachdain sa chaidh. Seo aithris bho Sheumaidh Uallas a ghabh pàirt anns a’ cho-labhairt.

Brus Crawford BPA

Brus Crawford BPA a’ fosgladh na co-labhairt

 Chaidh mi dhan Co-labhairt Coimhearsnachd Disathairne sa chaidh ann an Sruighlea a libhreadhadh bùithtean-obrach air Meadhanan Sòisealta agus ciamar a tha e comasach ga cleachdadh aig ìre coimhearsnachd leis a’ Phàrlamaid. Rinn mi e còmhla ri Emma Armstrong, neach-obrach aig a’ Phàrlamaid le dleastanas a thaobh obair air loidhne agus air an làrach-lìn agus bha mi a’ riochdachadh Social Media Alba.  

Emma is Seumaidh aig a' bhùth-obrach

Emma is Seumaidh aig a’ bhùth-obrach

Bha mi a’ cleachdadh beagan Gàidhlig sna bùithtean-obrach san taisbeanaidhean agam agus cuideachd air loidhne air ar ‘Balla nan Dranndan’ a’ cleachdadh taga-hais #PDConf. Fhuair sinn a’ chiad drannd air ais anns a’ Ghàidhlig bho Sìm aig ‘Malaptop’. Bhruidhinn mi ris aig a’ bhùth-obrach agus nuair a dh’fhalbh e an seòmar thuirt e ‘tapadh leat’, agus an uair sin às dèidh an co-labhairt bha mi a’ bruidhinn ris air Facebook agus thuirt e gu bheil rud beag Gàidhlig aige gun do dh’ ionnsaich e aig Oilthigh Obar Dheathain.Thuirt e dhomh cuideachd beagan mu dheidhinn Malaptop cuideachd. ’S e carthannas ùr a th’ ann agus gur e co-labhairt feumail a bh’ ann a chur am buidheann aige air adhart don luchd-amhairc leathann.

Tweet o Malaptop

Tweet o Malaptop

Anns na bùithtean-obrach agam, bhruidhinn mi air eisimpleirean far an robh mi an sàs, gu h-àraidh am pròiseact soirbheachail ‘Oileanaich le Chèile’ agus rud beag air athchuinge le Iain MacLeòid air cleachdadh na Gàidhlig anns an reifreann air neo-eisimeileachd na h-Alba. Bhruidhinn mi mu dheidhinn pròiseact ‘Crowdfunding’ aig gnothachas ùr ann an Glaschu, Coffee and Craic cuideachd.

’S e deagh chothrom a bh’ ann a bhi an sàs ann an co-labhairt coimhearsnachd aig Pàrlamaid na h-Alba a-rithist agus bu thoil leam taing a chur do Phòl aig a’ Phàrlamaid airson an cothrom seo.

Tha fios agam nach eil e furasta aig buidhnean Meadhanan Sòisealta a chleachdadh ann an obair làitheil (airson mòran adhbharan), ach tha mi toilichte a faicinn, gu bheil Pàrlamaid na h-Alba deònach an teicneòlas seo a chleachdadh ann an dòighean eadar-dhealaichte (aig co-labhairtean, ann an comataidhean agus fiùs aig ìre corporra – ann am Beurla agus Gàidhlig).
Bha na daoine aig a’ cho-labhairt gu math toilichte a bhith a cleachdadh ar taga hais #PDConf no dìreach a bhith na dranndan leughadh air na sgrìneachan. Nam bheachdsa, tha an taobh sòisealta aig a’ Phàrlamaid glè cudromach gu h-àraid aig co-labhairtean coimhearsnachd mar ann an Sruighlea seachdain sa chaidh.

#PDConf-Dranndan

Seumaidh Uallas

1 thoughts on “Co-labhairt Coimhearsnachd Sruighlea – sealladh bho Sheumaidh Uallas #gaidhlig #pdconf

Tha na beachdan dùinte.