Co-labhairt Nàiseanta nan Seanaidhean Stàite ann am Pàrlamaid na h-Alba @NCSLorg #gaidhlig


Chuir Pàrlamaid na h-Alba fàilte air riochdairean bho na Stàitean Aonaichte an-diugh, a thàinig còmhla ann an Taigh an Ròid airson Co-labhairt Nàiseanta nan Seanaidhean Stàite (NCSL).

Co-labhairt Nàiseanta nan Seanaidhean Stàite

Seo a’ chiad turas a tha a’ bhuidheann air coinneachadh taobh a-muigh  Ameireagaidh a Tuath.

Aig a’ cho-labhairt seo, bidh riochdairean bho sheanaidhean stàite a’ tighinn còmhla gus bruidhinn air cuspairean a tha a’ toirt buaidh orra. Bidh oifigearan riaghlaidh is cinn-suidhne nan seanaidhean a’ gabhail pàirt ann cho math ri ceannardan pàrtaidh bho na diofar reachdadaireachdan.

Am-bliadhna, tha tòrr air a’ chlàr, a’ gabhail a-steach ceistean mòra an latha mar teàrainteachd connaidh an eaconomaidh eadar-nàiseanta, malairt is gnìomhachas agus a bhith a’ riaghladh is a’ ruith seanaidhean is pàrlamaidean.

Bidh blas Albannach air a’ ghnothach cuideachd oir bidh tòrr luchd-pàrlamaid aig diofar phàrtaidhean agus eòlaichean eile ann à Alba cuideachd a’ gabhal a-steach an eòlaiche eachdraidh Tom Devine à Oilthigh Dhùn Èideann.

Am measg na bhios an làthair, tha an Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA agus Terie Norelli, Labhraiche Taigh-riochdairean New Hampshire.

Terie Norelli. Labhraiche Taigh-riochdairean New Hampshire

Terie Norelli. Labhraiche Taigh-riochdairean New Hampshire

Ma tha thu a’ fuireach anns na Stàitean is Gàidhlig agad no ma tha thu às na Stàitean agus Gàidhlig agad, bhiomaid fìor thoilichte cluinntinn bhuat! Leig fios tron bhlog.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s