Àm Cnuasachaidh san Scots


Chaidh Àm Cnuasachaidh a lìbhrigeadh san #ScotsLeid Dimàirt le Gordon M Hay, a rinn tionndadh Scots den Bhìoball air fad san dualchainnt Doric.

Bidh gnothaichean na Pàrlamaid a’ tòiseachadh gach seachdain le Àm Cnuasachaidh (Time for Reflection) nuair a gheibh daoine bho dhiofar chreideamhan – no gun chreideamh idir – cothrom an cuid smuaintean a chur an cèill don Phàrlamaid. Tha riochdairean bho mhòran chreideamhan is feallsanachdan (a’ gabhail a-steach Baha’i, Buddachd, Hionduthachd, Siogachd, Ioslam agus Iùdhachas a bharrachd air Crìosdaidheachd) agus daoine aig nach eil creideamh idir, air pàirt a ghabhail ann an Àm Cnuasachaidh.

Mairidh Àm Cnuasachaidh suas ri 4 mionaidean.

Gordon M Hay agus e a’ lìbhrigeadh àm Cnuasachaidh.

Faodar na thuirt Mgr Hay a leughadh anns an Aithisg Oifigeil.

No faodar coimhead air a’ bhidio.

Alasdair MacCaluim, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

gaidhlig@parliament.scot