Beachdan gan sireadh air Bile nan Cànan Albannach


FIATHACHADH GA THOIRT DON PHOBALL AM BEACHDAN A THOIRT SEACHAD AIR PLANAICHEAN GUS INBHE OIFIGEIL A THOIRT DO GHÀIDHLIG AGUS SCOTS

Tha Comataidh ann an Taigh an Ròid air gairm airson bheachdan a chur air bhog an-diugh air Bile a bheireadh inbhe oifigeil do Ghàidhlig agus Scots ann an Alba.

Thèid Bile nan Cànan Albannach, a dhèanadh atharrachaidhean do dh’inbhe na Gàidhlig agus Scots agus do dhleastanasan Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach eile gus taic a thoirt don dà chànan, a sgrùdadh le Comataidh Foghlaim, Cloinne is Dhaoine Òga ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ ghairm airson bheachdan bhon Chomataidh a’ toirt cothrom do dhaoine is buidhnean am beachdan a thoirt seachad air na molaidhean tro shuirbhidh ghoirid no tro chur a-steach freagairt sgrìobhte nas mionaidiche. Tha an co-chomhairleachadh ri fhaotainn ann am Beurla, Gàidhlig, Scots agus BSL, agus bithear a’ cur fàilte air freagairtean ann an cànan sam bith.

Tha am Bile a’ sònrachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba foghlam Gàidhlig is Scots a chur air adhart ann an sgoiltean. Tha e cuideachd a’ toirt a’ chumhachd do Mhinistearan bun-tomhasan a thoirt seachad agus stiùireadh a thoirt seachad air foghlam Gàidhlig is Scots.

A bharrachd air sin, bhiodh am Bile a’ sònrachadh sgìrean cruinn-eòlasach mar “sgìrean cudromach a thaobh cànain”, ag atharrachadh dleastanasan Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann phoblach air a bheil an t-uallach airson leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh, agus a’ leigeil le Ministearan stiùireadh a chruthachadh airson bhuidhnean poblach a thaobh brosnachadh is taic a thoirt do Ghàidhlig agus Scots.

Bidh a’ ghairm airson bheachdan aig a’ Chomataidh fosgailte gus 8 Màrt 2024.

Thuirt Sue Webber BPA, an Cathraiche aig Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga:

“Tha sinn a’ cur air bhog an sgrùdadh againn air Bile nan Cànan Albannach le gairm airson bheachdan air molaidhean an Riaghaltais.

“Dh’fhaodadh am Bile buaidh a thoirt air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, agus tha sinn ag iarraidh cluinntinn dè tha daoine, buidhnean agus buidhnean poblach a’ smaointinn air molaidhean an Riaghaltais.

“Gus na beachdan agaibh a thoirt don Chomataidh, nach coilean sibh a’ ghairm airson bheachdan air làrach-lìn na Pàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ ghairm airson bheachdan a’ fosgladh an-diugh, 22 Faoilleach 2024. Faodaidh daoine a fhreagairt ann an grunn dhòighean:

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ deasachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am faodar aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agaibh crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am Fios Prìobhaideachd againn.