Comataidh Thaigh an Ròid a’ cur a-mach gairm bheachdan air Coimiseanairean na h-Alba


Tha gairm bheachdan ga chur a-mach an-diugh a dh’fhaighneachd a bheil Alba ag iarraidh “dòigh-obrach nas òrdail is ro-innleachdaiche” gus Coimiseanairean ùra a chur an dreuchd. 

Tha seo a’ tighinn às dèidh rannsachadh a chaidh a chur air dòigh le Comataidh Ionmhais is Rianachd Phoblaich Thaigh an Ròid san Dùbhlachd 2023.

Tha a’ chomataidh ag ràdh gun dèan iad sgrùdadh air ‘cruth-tìre’ Coimiseanairean na h-Alba.

An-dràsta tha seachdnar choimiseanairean aig Alba a bhios a’ freagairt don Phàrlamaid. Chaidh an t-ochdamh – Coimiseanair Sàbhailteachd nan Euslainteach – aontachadh leis a’ Phàrlamaid san t-Sultain 2023.

Tha sianar Choimiseanairean eile gam moladh, no thathar a’ beachdachadh orra, agus dh’fhaodadh sin an àireamh iomlan a thoirt gu 14 ro dheireadh an t-seisein còig-bliadhna seo aig Taigh an Ròid.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich, Coinneach Gibson:

“Tuigidh a h-uile duine cho dùbhlanach ’s a bhios buidseat na h-Alba am-bliadhna, agus is dòcha anns na bliadhnaichean a leanas.

“Leis gum faodadh an àireamh choimiseanairean ann an Alba èirigh gu 14 ro dheireadh an t-seisein seo, agus a’ chosgais a bhios an lùib sin, tha an rannsachadh againn riatanach agus a’ tighinn ann an deagh àm.

“Tha sinn an dùil sgrùdadh a dhèanamh air carson a thàinig fàs cho mòr air àireamh nan coimiseanairean, a bheil ath-dùblachadh dleastanais a’ tachairt agus a bheil feum air dòigh-obrach nas òrdail is ro-innleachdaiche airson an cur an dreuchd.

“Tha sinn airson cluinntinn bho dhuine sam bith le beachdan no smuaintean air dòigh-obrach na h-Alba a thaobh choimiseanairean, a bheil e a’ toirt dhuinn luach an airgid, no a bheil modailean nas èifeachdaiche rim faighinn.”

Tha a’ chomataidh a’ faighneachd deich ceistean anns a’ ghairm bheachdan.

Bu chòir do luchd-freagairt a thoirt fa-near nach bi an rannsachadh a’ sgrùdadh airidheachd, no eile, choimiseanairean fa leth.

Cosgaisean

Tha figearan buidseit airson 2023/24 a’ sealltainn gun do chosg an seachdnar Choimiseanairean a th’ ann an-dràsta £16.6 millean, le cosgais a’ dol an-àirde 10% gu £18.3 millean airson 2024/25.  Tha a luchd-obrach fhèin agus a chosgaisean ruith fhèin aig gach oifis.  Chosg an coimiseanair as lugha £0.3m agus am fear as motha £6.7m.  Tha barrachd gam moladh, no thathar a’ beachdachadh orra, leis an riaghaltas agus BPA nam beingean cùil.

Cùl-fhiosrachadh

Ruithidh an gairm bheachdan eadar 15 Faoilleach agus 11 Màrt 2024.

Cuir a-steach do bheachdan chun na comataidh: https://yourviews.parliament.scot/finance/scotlands-commissioner-landscape/

Thèid fianais beòil a ghabhail sa Mhàrt / Giblean. Thathar an dùil gun tèid aithisg na comataidh fhoillseachadh sa Chèitean / Ògmhios 2024.

Tadhail air duilleag rannsachaidh na comataidh airson tuilleadh fiosrachaidh agus làn raon-dleastanais an rannsachaidh as ùire aca: Cruth-tìre Coimiseanairean na h-Alba: Dòigh-obrach Ro-innleachdail