Fios naidheachd: Comataidh air rannsachadh a chur air bhog mu àrdachadh air ìre nam bhàsan a bharrachd


Tha Comataidh Ath-shlànachadh COVID-19 air rannsachadh a chur air bhog mun àrdachadh air an ìre de bhàsan a bharrachd (excess deaths) ann an Alba bho thoiseach a’ ghalair mhòir-sgaoilte.

Tha fios a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba a’ leigeil fhaicinn gu bheil an ìre de bhàsan ann an Alba 11% seachad air a’ chuibheas aig an àm seo den bhliadhna agus gu bheil iad air a bhith seachad air a’ chuibheas o chionn 26 seachdainean. Nì a’ Chomataidh sgrùdadh a bheil an t-àrdachadh seo air an ìre de bhàsan ga adhbharachadh le COVID-19 gu dìreach, no leis na buaidhean neo-dhìreach a bheir an galar mòr-sgaoilte air an t-slàinte.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air na ceistean a leanas:

• A bheil an èiginn ann an slàinte phoblach air gluasad bho bhàs le COVID-19 gu bàs bho thinneasan nach buin ri COVID-19?
• A bheil fianais ann gu bheil euslaintich a’ nochdadh le barrachd mothachaidh a-nis?
• Dè tha ag adhbharachadh na h-ìre de bhàs le tinneas nach buin ri COVID-19?
• A bheilear a’ coimhead gu leòr ann an seagh ro-innleachdail air na buaidhean neo-dhìreach a bheir an galar mòr-sgaoilte air an t-slàinte?
• Gu dè na roghainnean ann an da-rìribh a th’ ann don riaghaltas ann a bhith a’ cur aghaidh air buaidh neo-dhìreach a’ ghalair mhòir-sgaoilte air an t-slàinte sa gheamhradh 2021/22?

Agus i a’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur air bhog, thuirt Siobhian Brown BPA, Neach-gairm Comataidh Ath-shlànachadh COVID-19:

“Tha am fiosrachadh as ùire a nochd bhon Riaghaltas a’ sealltainn àrdachadh eagalach air an ìre de bhàsan a bharrachd bho thoiseach a’ ghalair mhòir-sgaoilte.

“Tha iomraidhean anns na meadhanan o chionn ghoirid a’ cur an cèill gun do dh’adhbharaich an galar mòr-sgaoilte dàil agus ìsleachadh air àireamh nan euslainteach a fhuair diagnosachd le tinneas, leithid aillse, a dh’fhaodadh droch-bhuaidh a thoirt air cho èifeachdach agus a tha an làimhseachadh. Bu mhath leinn gu mòr barrachd ionnsachadh mu na buaidhean neo-dhìreach a bheir an galar mòr-sgaoilte air an t-slàinte agus a bheil an èiginn ann slàinte phoblach air gluasad bho bhàs le COVID-19 gu bàs le tinneas nach buin ri COVID-19.

“Tha bàs na mhulad an-còmhnaidh, biodh e air adhbharachadh le COVID-19 no gun a bhith, agus tha e deatamach fhèin gun lorg sinn na h-adhbharan bunaiteach ris na bàsan seo agus gum faigh sinn a-mach dè a dh’adhbharaich an t-àrdachadh seo air àireamh nam beatha gan call.”

Nochd do chuid bheachdan ris a’ Chomataidh an seo here: https://yourviews.parliament.scot/covid19/excess-deaths-covid19-pandemic

Tha fàilte ro bheachdan sa Ghàidhlig.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Chomataidh air an làraich-lìn againn: COVID-19 Recovery Committee | Scottish Parliament Website

Fiosrachadh nam Meadhanan

Nick Connelly: 07866 125623
Conaltradh Text Relay di-beathte
nick.connelly@parliament.scot

Fiosrachadh mun chomataidh
Sigrid Robinson, Clerk
Conaltradh Text Relay di-beathte
Sigrid.Robinson@parliament.scot