Fios naidheachd: BPA a’ nochdadh plana-gnìomha airson ath-leasachaidhean èiginneach thar Roinn a’ Cheartais #gàidhlig


Ann an aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Ceartas Eucorach Pàrlamaid na h-Alba ag innse cuid de na h-atharrachaidhean geàrr-ùine agus fad-ùine a tha iad airson gun tèid a dhèanamh ann an roinn ceartas na h-Alba.

Às dèidh sreath de dh’èisteachdan air cùisean ceartais a’ gabhail a-steach:


– buaidh COVID air an roinn,
– cùirtean,
– prìosanan agus ath-leasachadh prìosain,
– còraichean agus taic luchd-fulaing,
– fòirneart an aghaidh bhoireannaich is nigheanan,
– eucoir òigridh, fuasglaidhean ceartas coimhearsnachd agus roghainnean eile an àite grèim,
– taic laghail, agus
– mì-chleachdadh dhrugaichean agus an siostam ceartas eucorach,


tha a’ Chomataidh a’ mìneachadh na tha iad airson gun tèid a dhèanamh gus builean anns na raointean sin a leasachadh, agus a’ feuchainn ri fuasglaidhean fhaighinn do chuid de na duilgheadasan fad-ùine san t-siostam.


Am measg barrachd air 60 gnìomh a tha iad air a chur an cèill don Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean com-pàirteachaidh aige leithid seirbheis nam prìosan, cùirtean agus luchd-casaid tha:

• Leasachadh phrìosanan agus lùghdachadh ath-eucoir, a’ gabhail a-steach le bhith:
– A’ toirt air ais an sgeama Throughcare dhaibhsan a tha a’ fàgail a’ phrìosain,

– A’ dèanamh cinnteach gu bheil clann fo aois 18 a chumail ann an cùram tèarainte seach HMPYOI Polmont,

– A’ dèiligeadh ris na h-ìrean àrda de dhrogaichean agus buaidh bhuidhnean droch eucoir agus eucoir eagraichte ann am prìosanan, agus
– A’ toirt barrachd cothrom air a’ bhlàr a-muigh agus gnìomhan brìgheil do dhaoine a tha sa phrìosan.

• Leasachadh taic do luchd-fulaing agus luchd-fianais, a’ gabhail a-steach le bhith:
– Ag ath-bhreithneachadh air an Sgeama Fios Luchd-fulaing, a’ toirt a-steach measadh a bheil iad a’ cur barrachd uallaich air luchd-fulaing le bhith a’ cur fios thuca nuair nach eil dùil aca ris;
– A’ toirt aon neach-conaltraidh, sa bheil tuigse mu tràma, don fheadhainn a tha ag agairt eucoir feise, fad na h-ùine gus an tèid imeachdan laghail a thoirt gu crìch;
– Ag atharrachadh togalaichean cùirte gus nach cuir iad luchd-fulaing agus luchd-fianais ann an uiread èiginn (m.e. le bhith a’ tachairt ris an neach fo chasaid gun dùil).


• A’ dèiligeadh ris an ìre àrd de bhàs bho dhrogaichean ann an Alba:
– A’ cur an gnìomh molaidhean Buidheann Gnìomha Bàs bho Dhrogaichean na h-Alba gu luath, cuid dhiubh a’ dol air ais chun Ghiblein 2020;
– A’ dèanamh cinnteach à dòigh-obrach cho-òrdanaichte bho na roinnean ceartais, ceartas sòisealta agus slàinte gus a’ bheàrn seirbheis a lìonadh eadar na tha air a sholarachadh an-dràsta gus cuideachadh dhaoine le duilgheadas dhrogaichean agus na tha a dhìth.

Tha a’ Chomataidh air gealltainn ath-bhreithneachadh cunbhalach a dhèanamh air adhartas mu choinneamh nan gnìomhan sin rè an t-seisein Phàrlamaidich seo, agus nì iad cinnteach gun tèid adhartas a nochdadh gu poblach air duilleagan-lìn na Comataidh.

Thuirt Neach-gairm Comataidh, Audrey Nicoll BPA:

“Tha an rannsachadh againn air roinn ceartas na h-Alba air mòran de dhroch dhuilgheadasan a nochdadh a-rithist.

“Tha fios againn nach gabh iad sin fhuasgladh sa bhad agus chan eil mòran fhuasglaidhean furasta ann. Ach, tha a’ Chomataidh againn airson adhartas fhaicinn anns an t-seisean phàrlamaideach seo.

“Mar charaid ceasnachail do Riaghaltas na h-Alba agus na com-pàirtichean ceartais aige, tha sinn airson gun cleachd iad na molaidhean againn gus adhartas a dhèanamh agus atharrachaidhean a chur an sàs.

“Tha sinn den bheachd gu bheil sinn air plana-gnìomha cothromach is iomchaidh a chur an cèill a dh’fhaodadh leasachadh a thoirt air an roinn ceartas eucorach.

“Bidh sinn a’ cumail sùil air adhartas gu cunbhalach tron chòrr den t-seisean phàrlamaideach seo.”

 Cùl-fhiosrachadh

Tha an aithisg shlàn, a’ toirt a-steach am plana-gnìomha, ceangailte.

Aig toiseach seisean ùr na pàrlamaid san t-Sultain agus san Dàmhair 2021, chùm a’ Chomataidh coinneamhan tòiseachaidh de bhòrd cruinn air prìomh raointean san roinn ceartas eucorach. Gheibhear fiosrachadh mu na coinneamhan sin an seo.