Caraid às a’ Ghearmailt a’ cèilidh oirnn #gaidhlig


Thàinig Michael Klevenhaus a chèilidh oirnn sa Phàrlamaid an-diugh.

Tha Mìcheal, a tha a’ fuireach ann am Bonn, air tòrr mòr obrach a dhèanamh gus Gàidhlig a theagasg is a chur air adhart anns a’ Ghearmailt agus a-raoir bhuannaich e an Duais Eadar-nàiseanta aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013, sin an duais airson an duine, tachartas no buidheann as fheàrr a chuireas Gàidhlig air adhart ann an co-theacs eadar-nàiseanta.

Micheal Klevenhaus - buannaiche Duais Eadar-nàiseanta na Gàidhlig 2013

Micheal Klevenhaus

Tha sinn a-nis a’ dol a phostadh beagan stuthan Gàidhlig mun Phàrlamaid gu Bonn airson nan clasaichean Gàidhlig aige!

Tha e daonnan math coinneachadh ri luchd-tadhail don Phàrlamaid aig a bheil Gàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk