Cuairt gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh #gaidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Ri linn Fosadh an Dàmhair aig Pàrlamaid na h-Alba ghabh ceathrar bho sgioba an fhoghlaim cothrom air an ùine dheth bho chuairtean-sgoiltean gus a dhol air turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh, no Cynulliad Cenedlaethol Cymru, ann an Caerdydd/Cardiff.

Sgioba foghlaim na Pàrlamaid: Caroline, Susan, Elizabeth, Hayley.

Sgioba foghlaim na Pàrlamaid (clì gu deas): Caroline, Susan, Elizabeth, Hayley.

Bha a’ chuairt dà latha na cothrom math dha-rìribh coinneachadh ris an fheadhainn air an aon rèir rinn sa Chuimrigh, gus am faodamaid sealltainn air na cuairtean aca, ionnsachadh mu na goireasan aca agus na seirbheisean a bhios iad a’ tairgse, agus beachdan a sgaoileadh am measg càch-a-chèile.

Bha an sgioba aca sa Chuimrigh càirdeil agus blàth; choinnich sinn an toiseach ri Mari Wyn Gooberman, Stiùiriche an Fhoghlaim agus chuir ise sinn an aithne do dhithis neach-obrach eile Enfys agus Dylwin, buill de na sgiobaidhean-foghlaim air an taobh a-staigh is an taobh a-muigh.

Tha cuairtean air an t-seanadh car coltach ris an fheadhainn againn fhèin, le seiseanan-foghlaim, deasbadan, tursan, Ceasnachadh nam Ball agus tiogaidean gus sealltainn air gnothaichean ann. Bha farmad mòr oirnn, ge-tà, gur h-e fear de na seòmraichean-foghlaim an seann seòmar-deasbaid, a chaidh a chleachdadh mus do dh’fhosgail an Seanadh – àite mìorbhaileach!

Tha cuideachd dealbh-mùir mòr dàite aca air balla an ionaid-fhoghlaim aca a sheallas a’ Chuimrigh agus na cùisean tiomnaichte gu lèir. Chaidh a dhealbhadh a rèir choltais le manach Iapanach! Bha na cuairtean a chunnaic sinn tlachdmhor agus làn fiosrachaidh agus chaidh oileanach a bhrosnachadh gus deasbaireachd air cùisean an latha leithid sgeama ùra mu bhuileachadh buill cuirp agus cìs air deoch làn siùcair.

Mural ann an ionad foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Mural ann an ionad foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Choinnich sinn cuideachd ri buill an Taighe-toisich (sgioba Front of House) air togalach an t-Seanaidh air turas inntinneach mun togalach inntinneach seo – togalach ùr eile airson reachdaireachd thiomnaichte. Tha an suidheachadh aig Bàgh Chardiff/Bae Caerdydd a’ toirt sheallaidhean mìorbhaileach agus bheir na ballachan-glainne is na h-àiteachan fosgailte faireachdainn gu math saor.

Seòmar Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Seòmar Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Tha e gu math furasta cuideachd tadhal air an t-seòmar aca, anns a bheil gailearaidh gu tur cruinn. Bha sinn fortanach gu leòr an cothrom fhaighinn sealltainn air Àm-ceasnachaidh a’ Phrìomh Mhinisteir aca, rud a bha inntinneach le beagan èisteachd ri eadar-theangachadh seach gun deach cuid de na ceistean a chur is a fhreagairt anns a’ Chuimris.

Fhad is a bha sinn ann bha ùine againn cuideachd mus do dh’fhàg sinn tadhal air togalach eachdraidheil Ceann na Cidhe, a b’ àbhaist a bhith na ionad-tadhail is ionad-foghlaim airson an t-seanaidh. Tha a ga chleachdadh leotha a-nis mar ionad-taisbeanaidh is ionad-thachartasan. Is e togalach àlainn a tha ann air a bheilear a’ gabhail gu tric ‘Big Ben na Cuimrigh’!

'Big Ben na Cuimrigh' - togalach Ceann a' Chidhe, Bae Caerdydd

‘Big Ben na Cuimrigh’ – togalach Ceann a’ Chidhe, Bae Caerdydd

Chòrd an turas gu mòr rinn uile agus thàinig sinn air ais gu Pàrlamaid na h-Alba làn bheachdan ùra. Tha sinn an dòchas gun tèid againn air fàilte a chur air Màiri agus an sgioba aice an seo uaireigin san ùine air thoiseach gus na nochd iad rinn a nochdadh riutha!

Hayley Cole, Oifigear Foghlaim, Pàrlamaid na h-Alba

hayley.cole@scottish.parliament.uk

Air eadar-theangachadh bhon Bheurla

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s