Aithisg air roghainn nan cuspairean san àrd-sgoil #gàidhlig


Dh’fhoillsich Comataidh Foghlam is Sgilean Pàrlamaid na h-Alba an aithisg aca mu roghainn nan cuspairean san àrd-sgoil na bu thràithe an t-seachdain seo.

cuspairean

Bha ùidh mhòr aig coimhearsnachd na Gàidhlig san rannsachadh seo agus fhuaireadh grunn fhreagairtean mun Ghàidhlig, am measg tòrr chuspaierean eile.

Tha an aithisg air fad ri fhaighinn air làrach-lìn na Comataidh.

Agus tha sinn air geàrr-chunntas den aithisg a dhèanamh sa Ghàidhlig cuideachd.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Ceann-bliadhna sona dhuinn! #gàidhlig


An-diugh, tha sinn a’ comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh gu h-oifigeil.

Aig a’ chuirm oifigeil an-diugh, chaidh dàn sònraichte The Long View a leughadh a chaidh a sgrìobhadh Jackie Kay, Makar na h-Alba. Tha e a’ gabhail a-steach Gàidhlig, BSL agus Scots a bharrachd air a’ Bheurla.

Gus an latha a chomharrachadh, tha sinn air eadar-theangachadh Gàidhlig a chur air dòigh den dàn: An Sealladh Fada le Rody Gorman.

Faodar an dàn a leughadh san dà chànanan an seo. 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Deasbad Pàrlamaideach gu bhith ann mu Thubaist na h-Iolaire #gaidhlig #gaelic


Thèid deasbad Gnothaichean Bhall a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba mu Thubaist na h-Iolaire Diciadain 19 Dùbhlachd aig 1.15f.

Carragh-cuimhne na h-Iolaire, Eilean Leòdhais

 

Bidh an deasbad mun ghluasad gu h-ìosal, a chaidh a chur air adhart le Alasdair Allan, BPA nan Eilean Siar.

Iolaire

Chìthear an gluasad agus na Buill a tha air a shoidhnigeadh an seo.

Thèid an deasbad a chraoladh beò air-loidhne air SPTV.

Alasdair