Oifigear Riaghlaidh ùr


Chaidh taghadh eile a chumail airson Pàrlamaid na h-Alba an-dè!

B’ e seo taghadh an Oifigeir Riaghlaidh (presiding officer) agus nan Leas-oifigearan Riaghlaidh.

Anns a’ chiad seisean den Phàrlamaid (1999-2003) bha Dàibhidh Steel againn mar Oifigear Riaghlaidh, san dàrna seisean (2003-7) bha Seòras Reid againn agus san treas seisean (2007-11) bha Ailig MacFhearghais againn.

Ailig MacFheargais BPA, an t-Oifigear Riaghlaidh, 2007 gus an latha an-dè

Ailig MacFheargais BPA, an t-Oifigear Riaghlaidh, 2007 gus an latha an-dè

An-dè chaidh an ceathramh Oifigear Riaghlaidh a thaghadh, ’s i Tricia Marwick BPA, ball airson Fìobh Mheadhanach agus Gleann Rathais. Feumaidh an t-Oifigear Riaghlaidh a bhith neo-phàirteach anns an dreuchd – cha bhi i a’ gabhail pàirt ann am poileataigs pàrtaidh idir.

Còmhla rithe tha an dà Leas-oifigear Riaghlaidh a chaidh a thaghadh an-dè cuideachd, ’s iad Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Coatbridge agus Chryston) agus Iain Scott BPA (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, Inbhir Air). Feumaidh an dà Leas-oifigear Riaghlaidh a bhith neo-phàirteil cuideachd nuair a tha iad anns a’ chathair aig coinneamhan pàrlamaideach; ach nuair nach eil, faodaidh iad làn-phàirt a ghabhail ann an gnothaichean na Pàrlamaid.

Iain Scott BPA (clì), Tricia Marwick BPA (meadhan), Elaine Nic a' Ghobhainn (deas

Iain Scott BPA (clì), Tricia Marwick BPA (meadhan), Elaine Nic a' Ghobhainn (deas)

Tha obair mhòr aig an Oifigear Riaghlaidh agus aig an dà Oifigear Riaghlaidh:

  • Coinneamhan den Phàrlamaid a stiùireadh
  • Coinneamhan de Bhiùro na Pàrlamaid is Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a ghairm is a stiùireadh (mur eil fhios agad dà a th’ anns na buidhnean seo, na gabh dragh oir bheir am blog seo sùil orra ann an ùine nach bi fada)
  • Co-dhùnadh air ceist sam bith a thaobh riaghailtean obrach na Pàrlamaid.
  • A bhith a’ riochdachadh na Pàrlamaid an dà chuid aig baile agus thall thairis.

  Leugh fios naidheachd mun Oifigear Riaghlaidh ùr

 Leugh fios naidheachd mu na Leas-oifigearan Riaghlaidh ùr

 Leugh an Aithisg Oifigeil mu thaghadh an Oifigear Riaghlaidh agus nan Leas-oifigearan Riaghlaidh.

 Alasdair