Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail #gàidhlig


Am faca tu taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail 2017 fhathast?

Seo taisbeanadh de na dealbhan naidhead as fhèarr san t-saoghail. Tha e gu bhith sa Phàrlamaid gu 26 Lùnastal.

Bidh Alasdair bho sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ bruidhinn ri Cathaidh Bhàn mun taisbeanadh seo air prògram Feasgar air BBC Radio nan Gàidheal an-diugh (10.08.17). Tòisichidh am prògram aig 12.33.

Seo am fios naidheachd againn mun taisbeanadh:

Tha taisbeanadh, a tha an-asgaidh, de dhealbhan-camara gu bhith air a shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba san Lùnastal, agus am measg nan ìomhaighean cumhachdach a chithear tha: Usain Bolt a’ dol seachad air an loidhne aig na Geamannan Oilimpigeach ann an Rio ann an 2016; boireannach a’ seasamh gu daingeann aig caismeachd ann an Louisiana, agus i a’ togail fianais an aghaidh oifigearan-poileis a bha air fòirneart a dhèanamh air fireannaich dhubha; agus brat de dhealain-dè monarch a’ còmhdach na talmhainn sa choille ann an Tèarmann Dhealan-dè ann am Meagsago.

Ann an Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail chithear còrr is 140 de na dealbhan-naidheachd as drùidhtiche, as dùbhlanaiche agus as smaoineachail a chaidh a thogail air feadh na cruinne ann an 2016.

Bidh an taisbeanadh iomraiteach, a bhios ga shealltainn air feadh an t-saoghail, ri fhaicinn aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dihaoine 4 Lùnastal gu Disathairne 26 Lùnastal 2017, agus tha e an-asgaidh.

Chuir còrr is 5,000 dealbhadair a-steach airson na farpais-dhealbhan bho 125 diofar dhùthchannan, agus iad ag innse sgeulachdan tro na dealbhan-camara aca bho shaoghal an latha an-diugh agus na dealbhan fo dhiofar chinn leithid Naidheachdan ann an Làrach nam Bonn, Naidheachdan Coitcheann, Cùisean Co-aimsireil, Beatha Làitheil, Daoine, Spòrs, Nàdar agus Pròiseactan thar Ùine Fhada.

A’ foillseachadh na naidheachd mun taisbeanadh, thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:

“Fiù ’s don fheadhainn againn a tha cumail sùil gheur air na naidheachdan, tha an taisbeanadh air leth seo a’ sealltainn mar as urrainn do dhealbhan-naidheachd sgeulachdan drùidhteach, toinnte agus brosnachail innse a bheir buaidh air an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air agus a’ tuigsinn an t-saoghail.

“Tha sinn beò ann an linn nam meadhanan sòisealta, agus cha robh dealbhan-naidheachd riamh cho cudromach ann a bhith toirt nan naidheachdan thugainn gu luath agus le barrachd buaidhe na meadhan sam bith eile. Tha sin fhathast cho fìor ’s a ghabhas agus tha feadhainn de na dealbhan as làidire a bh’ againn riamh againn am-bliadhna eadar ìomhaighean fìor iomraiteach is dealbhan glè phearsanta.

“Tha sinn a-rithist glè mhoiteil gur i a’ Phàrlamaid an aon àite ann an Alba far am faicear an taisbeanadh seo agus gur sinne an aon Phàrlamaid air an t-saoghal far an tèid an taisbeanadh a shealltainn. Tha mìltean thar mhìltean de dhaoine air tadhal air a’ Phàrlamaid gus coimhead air Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail ron seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith cur fàilte air barrachd luchd-tadhail buileach san Lùnastal gus feadhainn de na dealbhan-naidheachd as fheàrr air an t-saoghal fhaicinn.”

Alasdair

Dealbhan Luchd-naidheachd an t-saoghail a’ tilleadh don Phàrlamaid #gaidhlig #wpp


Tha Pàrlamaid na h-Alba fìor thoilichte gu bheil an taisbeanadh bliadhnail, Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail, a’ tighinn don Phàrlamaid aon uair eile. Bidh seo a’ toirt nan dealbhan naidheachd as fhèarr à air feadh na cruinne còmhla.

Tha an taisbeanadh mar thoradh air co-fharpais eadar-nàiseanta a bhios a’ faighinn dealbhan bho luchd-naidheachd, buidhnean, pàipearan naidheachd is irisean à air feadh an t-saoghail. Tha na dealbhan a bhuannaich anns na raointean a leanas: naidheachd is spòrs coitcheann, cùisean an latha an-diugh, daoine, beatha làitheil, nàdar agus spòrs.

Chaidh 103,000 dealbh a chur a-steach le 5,666 dealbhadairean à 124 diofar dùthchannan.

Is e Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail am-bliadhna Tìodhlacadh Gasa, le Paul Hansen às an t-Suain.

Tiodhlacadh Ghasa

Airson barrachd fiosrachaidh, faic http://www.worldpressphoto.org

Alasdair

Dealbhan Naidheachd an t-saoghail – dè do bheachd?


Tha taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail a-nis air fosgladh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha e a’ ruith eadar 6 agus 27 Lùnastal agus tha e fosgailte gach latha ach Didòmhnaich. Tha barrachd fios mu na h-uairean fosglaidh ri fhaighinn air an làraich-lin.

Tha na tiotalan is fiosrachadh air fad mu na dealbhan dà-chànanach.

Ma tha thu air tighinn no ma tha thu gu bhith a’ tighinn nach leig thu fios dè do bheachd air an taisbeanadh? Bu fhìor mhath leinn cluinntinn bhuat.  Leig fios air a’ bhlog seo no tron phost-D.

 

Fear le searg ann am Mogadhshu, Somalia. Dealbh le Omar Feisal, Somalia / Reuters.

Fear le searg ann am Mogadhshiu, Somalia.

 

Chòrd e rium fhèin gu mòr. Tha na dealbhan uile fìor mhath agus bheir iad uile ort smaoineachadh. Thòir an aire, ge-tà, gu dòcha gun cuir cuid de na dealbhan dragh air cuid.

Am measg nan ìomhaighean san taisbeanadh, tha fheadhainn a chaidh a thogail an dèidh nan crithean-talmhainn ann an Haiti agus ann an Sìona, caismeachdan an aghaidh an riaghaltais ann an Thailand, Matador Spàinnteach ga leòn le tarbh, turas-rothaireachd mu Eritrea agus luchd-siubhail ann an Èirinn.

 

Rabhadh!

Rabhadh!

 

Tha fios naidheachd le barrachd fiosrachaidh mun taisbeanadh ri fhaighinn air an làraich-lìn.

 

Alasdair

 

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Sùlaire

Chitheadh na Hiortaich seallaidhean mar seo gach latha, ach chan ann tric a chithear sùlaire taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba!