Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail air Prògram Feasgar #gaidhlig @BBCRnG


Thadhail Cathy NicDhòmhnaill bho phrògram Feasgar air Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe an t-seachdain seo airson coimhead air taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail.

38744633_974266716087969_7029100187658223616_o

Còmhla ri Cathy, bha an dealbhadair pròifeiseanta Dòmhnall MacLeòid ann gus a bheachdan a thoirt seachad air an taisbeanadh.

Chaidh am prògram a-mach beò Diciadain 08 Lùnastal agus Faodar èisteachd ris air-loidhne air làrach-lìn a’ BhBC. Tha an còmhradh mu Dhealbhan Naidheachd an t-Saoghail a’ tòiseachadh aig 35 mionaidean.

Dè do bheachd fhèin air an taisbeanadh? Thig ann is faic dhut fhèin e.

Tha an taisbeanadh air fad dà-chànanach.

Tha Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail saor is an-asgaidh agus tha e fosgailte gach Diluain-Disthairne. ‘S e Disthairne 25 Lùnastal an latha mu dheireadh.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Dealbhan naidheachd ann am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Tha dà thaisbeanadh a thaobh dealbhan naidheachd aig Pàrlamaid na h-Alba: Taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail agus taisbeanadh sònraichte den obair aig an dealbhadair-naidheachd Michael Peto. 

Neach-tadhail a' coimhead air Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail.

Neach-tadhail a’ coimhead air Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail.

Tha Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail (World Press Photo) na thaisbeanadh de na dealbhan as fheàrr sa cho-fharpais eadar-nàiseanta airson dealbhan naidheachd . Tha còrr is 130 dealbh anns an taisbeanadh am-bliadhna.

Anns an taisbeanadh den obair aig Michael Peto (1908-1970), chithear dealbhan bho Chruinneachadh Peto aig Oilthigh Dhùn Dè.

Rugadh Peto anns an Ungar ach chaidh e gu Lunnainn ann an 1939 goirid mus do thoisich an Cogadh. Anns na 1950an agus 1960, thog e dealbhan de luchd-poileataigs aig ìre na RA agus aig ìre eadar-nàiseanta a tha a’ toirt dhuinn deagh shealladh air a’ bheatha shòisealta, chultarach is phoilitigeach aig an àm.

Taisbeanadh Michael Peto: Politics in Focus

Taisbeanadh Michael Peto: Politics in Focus

Am measg nan daoine ainmeil a tha a’ nochdadh san taisbeanadh, tha Mandela, an Dalai Lama, Nehru, Khrushchev, Franco agus Churchill.

Am measg luchd-poileataics na RA, tha Jennie Lee, Aneurin Bevan, Tony Benn, Edward Heath, Harold Wilson is Jim Callaghan,a bharrachd air luchd-iomairt mar Hugh MacDiarmid, Vanessa Redgrave, Ian McKellen is John Lennon.

Tha barrachd fiosrachaidh mu na taisbeanaidhean seo air an làraich-lìn againn.

Bidh an dà thaisbeanadh fosgailte gu 22 Lùnastal agus tha iad saor is an-asgaidh.

Alasdair

Dealbhan Luchd-naidheachd an t-saoghail a’ tilleadh don Phàrlamaid #gaidhlig #wpp


Tha Pàrlamaid na h-Alba fìor thoilichte gu bheil an taisbeanadh bliadhnail, Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail, a’ tighinn don Phàrlamaid aon uair eile. Bidh seo a’ toirt nan dealbhan naidheachd as fhèarr à air feadh na cruinne còmhla.

Tha an taisbeanadh mar thoradh air co-fharpais eadar-nàiseanta a bhios a’ faighinn dealbhan bho luchd-naidheachd, buidhnean, pàipearan naidheachd is irisean à air feadh an t-saoghail. Tha na dealbhan a bhuannaich anns na raointean a leanas: naidheachd is spòrs coitcheann, cùisean an latha an-diugh, daoine, beatha làitheil, nàdar agus spòrs.

Chaidh 103,000 dealbh a chur a-steach le 5,666 dealbhadairean à 124 diofar dùthchannan.

Is e Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail am-bliadhna Tìodhlacadh Gasa, le Paul Hansen às an t-Suain.

Tiodhlacadh Ghasa

Airson barrachd fiosrachaidh, faic http://www.worldpressphoto.org

Alasdair