Comataidh Phàrlamaideach ann an Uibhist


Tha Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainiteachd Shòisealta Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh ann an Uibhist an-diugh is a-màireach. Tha seo mar phàirt den rannsachadh aca air obair phàrantan agus bochdainn chloinne.

Faodaidh tu turas na Comataidh a’ leantainn air Twitter air cunntas na Comataidh @SP_SJSS, @ParlAlba agus air @Engage_SP – sgioba com-pàirteachaidh na Pàrlamaid.

Dealbh (c) Hugh Spicer

Seo fios naidheachd na comataidh mun rannsachadh air cosnadh phàrantan agus mar a bheir seo buaidh air bochdainn chloinne.

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ dèanamh rannsachadh fad-bliadhna air cosnadh phàrantan agus mar a bheir e buaidh air bochdainn cloinne.

Tha a’ Chomataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta ag iarraidh tuigse fhaighinn air mar a tha Riaghaltas na h-Alba ag obair le ùghdarrasan ionadail, luchd-fastaidh agus buidhnean com-pàirteachais airson pàrantan a chuideachadh gus obair fhreagarrach a lorg no gluasad gu obair le pàigheadh nas fheàrr.

Is e dèiligeadh ri bochdainn cloinne fear de dh’àrd phrìomhachasan an Riaghaltais agus tha iad air comharrachadh gu bheil dèanamh cinnteach gu bheil cosnadh iomchaidh aig pàrantan na dhòigh sheasmhach air seo a choileanadh.

Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air mar a tha diofar phoileasaidhean an Riaghaltais a’ toirt buaidh air na cothroman cosnaidh a tha aig pàrantan, a’ gabhail a-steach poileasaidhean air sochairean, cùram-cloinne agus còmhdhail.

Bidh an rannsachadh a’ cuimseachadh air an taic a tha ri fhaighinn do bhuidhnean dhaoine a tha ann an cunnart bochdainn nas motha, a’ gabhail a-steach màthraichean fo aois 25, pàrantan singilte, teaghlaichean mion-chinnidh, pàrantan le clann fo aois bliadhna, pàrantan le triùir cloinne no barrachd agus teaghlaichean far a bheil ciorram air cuideigin.

Bha fios-air-ais neo-fhoirmeil a chualas bho phàrantan nuair a thadhail a’ Chomataidh air Dail Mheàrnaig na chuideachadh dhaibh a’ comharrachadh cuid de na cuspairean air am bu mhath leotha tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh, a’ gabhail a-steach misneachd, cothrom air foghlam adhartach is àrd-ìre agus leasachadh sgilean.

Anns an Fhaoilleach tha dùil gun tadhail buill na Comataidh air pròiseactan ann an Siorrachd Àir a Tuath agus Uibhist a Deas a dh’fhaicinn mar a tha taic-cosnaidh phàrantan ga lìbhrigeadh agus gus beachdan phàrantan a chluinntinn.  Tha a’ Chomataidh an dòchas, le bhith a’ tadhal air dà àite gu math eadar-dhealaichte, gum faigh iad tuigse nas fheàrr air eadar-dhealachaidhean ann am feumalachdan air feadh na h-Alba.

Thuirt Natalie Don, Neach-gairm na Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta:

“Tha mi toilichte gu bheil pàirt fhoirmeil an rannsachaidh seo a’ tòiseachadh a-nis agus gum bi sinn a’ bruidhinn ri pàrantan air a’ mhìos seo.  Tha fios againn gu bheil e nas duilghe do chuid de theaghlaichean a’ chùis a dhèanamh air cosgaisean a phàigheadh, mar eisimpleir, teaghlaichean le dìreach aon phàrant no teaghlaichean le ’s a bheil cuideigin a tha ciorramach.  Sin an t-adhbhar a tha e cudromach gu faigh sinn air na beachdan aca a chluinntinn.

“Bidh an rannsachadh againn a’ dol nas fhaide na dìreach barrachd phàrantan fhaighinn a-steach gu obair. Bidh leasachadh chothroman cosnaidh do phàrantan na lùib, le cùram-cloinne agus còmhdhail a bheir taic dhaibh fuireach ann an obair agus adhartas dhèanamh ann cho fada ’s a thogras iad agus cuideachd bidh e a’ sgrùdadh dè an ìre gu bheil luchd-fastaidh a’ beachdachadh air agus a’ toirt taic do dhleastanasan phàrantan.

“Le bhith a’ cleachdadh na chluinneas sinn tron rannsachadh againn faodaidh sinn molaidhean soilleir a thoirt do Riaghaltas na h-Alba.”

Tha dùil gun cuir a’ Chomataidh co-chomhairle nàiseanta air bhog mar phàirt den rannsachadh aca tràth am-bliadhna.

Tha Gnothaichean Comataidh a’ tòiseachadh a-rithist an-diugh as dèidh fosadh an t-Samhraidh.


Tha Gnothaichean Comataidh a’ tòiseachadh a-rithist an-diugh as dèidh fosadh an t-Samhraidh.

Bidh na comataidhean a leanas a’ coinneachadh an-diugh:

 

10.00m Foghlam is Cultar  
10.00m Slàinte is Spòrs  
10.00m Ceartas  
2.00f Athchuingean Poblach  
2.30f Fo-reachdas  

Faodar a’ coimhead/èisteachd ris na coinneamhan beò air Holyrood TV.

Tha tòrr athchuingean ùra gu bhith air an deasbad le Comataidh nan Athchuingean Poblach air roghainn farsaing de chuspairean. Nam measg, tha athchuinge aig am bi ùidh aig cuid den luchd-leughaidh Gàidhlig – tè mu sheirbheisean aithisg gu Loch Baghasdail.

Ma tha beachd sam bith agad air an athchuinge seo, no air athchuinge sam bith eile, faodar an cur an cèill air siostam nan athchuinge-D againn.

Alasdair

Gaidhlig@scottish.parliament.uk

Athchuinge
Athchuinge