Iain Macleòid – caraid dhuinn agus dhan Ghàidhlig #gaidhlig #gaelic


Bha na h-Oifigearan Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba uamhasach fhèin duilich cluinntinn an t-seachdain sa chaidh gun do chaochail Iain Macleòid.

‘S e deagh charaid dhan t-seirbheis Ghàidhlig agus dhan Phàrlamaid a bh’ ann an Iain.

john-m

Tha sgeulachd Iain – agus mar a chuidich athchuinge a chur e a-steach gus achd Gàidhlig fhaighinn – mar phàirt den taisbeanadh againn sa Phàrlamaid.

Iain Gaidhlig

A bharrachd air a bhith a’ togail a ghuth sa Phàrlamaid, bha Iain gu tric an seo airson tachartasan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – uaireannan gus pàirt a ghabhail annta agus uaireannan airson eadar-theangachadh mar aon.

Rinn e tòrr obair eadar-theangachaidh dhan Phàrlamaid tro na bliadhnaichean cuideachd.

Bidh sinn ga ionndrainn gu mòr,

Gus am bris an latha.

Alasdair agus Mark

gaidhlig@parliament.scot