An Fhèis Phoilitigs a’ tòiseachadh an-diugh #gàidhlig @FoP2014


Tha rudan gu math trang sa Phàrlamaid an-diugh agus Fèis Phoilitigs na bliadhna seo gu bhith a’ tòiseachadh an-diugh fhathast.

cafebar1

Seo dealbh no dhà de bhàr-chafé na feise agus luchd-obrach a’ cur crìoch air an obair an-dràsta fhèin.

‘S e cuspair na bliadhna seo: Dè a-nis airson Alba?

cafebar3

Airson barrachd fiosrachaidh mu phrògram na fèise, faic ar fios naidheachd mun fhèis agus ar fios naidheachd mun bhàr-chafé.

cafebar2

Gheibhear prògram na fèise sa Ghàidhlig air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fianais Ghàidhlig ’s an referendum #gaidhlig #indyref


Chualas a’ Ghàidhlig aig coinneamh Comataidh nan Athchuingean Poblach an-dè agus dithis a’ toirt seachad fianais mu athchuinge co-cheangailte ris a’ chànan.

Chaidh iarraidh air Iain MacLeòid agus am Proifeasair Rob Dunbar (Oilthigh Dhùn Èideann) na beachdan aca a thoirt seachad air athchuinge a chur Mgr Macleòid a-steach a’ moladh gum bu chòir a’ Ghàidhlig nochdadh air pàipear baileit an reifreinn air neo-eisimeileachd.

Faodar coimhead air a’ choinneimh air-loidhne cuideachd air làrach-lìn na Pàrlamaid (deasbad air an athchuinge a’ tòiseachadh 80 mionaid a-steach dhan choinneimh).

Tha geàrr-chunntas na coinneimh le co-dhùnadh na comataidh ri fhaighinn a-nis agus bidh an Aithisg Oifigeil airson an coinneimh ri faighinn an ath sheachdain.

Mar phàirt de phoileasaidh cànain Pàrlamaid na h-Alba, faodar athchuingean a chur thugainn sa Ghàidhlig agus faodar sgrìobhadh thugainn anns a’ Ghàidhlig.

 

 

Rob Dunbar agus Iain Macleòid

Rob Dunbar agus Iain Macleòid

Ma tha thu ag iarraidh cùis a thogail le Pàrlamaid na h-Alba, cuimhnich gum faod thu a dhèanamh sa Ghàidhlig – agus nach leig e leas a bhith a’ ceangailte ris a’ chànan fhèin.  Dh’fhaodadh e a bhith mu chuspair sam bith a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

2014 agus mar sin air adhart #gaidhlig #gaelic


Chaidh deasbad a chumail an-dè air molaidhean airson Alba san àm ri teachd, a’ gabhail a-steach nam molaidhean airson reafran (referendum) air neo-eisimeileachd.  

Mar phàirt de seo, ghabh Seonag NicLaomainn BPA a’ chiad òraid aice mar cheannard Albannach nan Làbarach.

 

Seonag NicLaomainn BPA
Seonag NicLaomainn BPA

Chithear tar-sgrìobhadh na deasbaid anns an aithisg oifigeil.

Chaidh gabhail ris a’ ghluasad seo às dèidh an deasbaid:

That the Parliament recognises the mandate given to the Scottish Government by the people of Scotland in the May 2011 Scottish election to hold a referendum offering people the choice to decide their future and agrees that it is the responsibility of the Scottish Parliament to decide the timing and arrangements for the referendum; welcomes the announcement of Autumn 2014 as the date for Scotland’s referendum; believes that 16 and 17-year-olds on the electoral roll should have the opportunity to vote, as it is their future along with everyone else’s that will be determined by the result; encourages all Scots to take part in the Scottish Government’s consultation on the referendum to be launched in the week beginning 23 January 2012, and affirms that constitutional change is a process and that what ultimately matters is that the people who care most about Scotland, the people who live in Scotland, achieve a parliament with the powers and responsibilities of independence to grow the economy, create jobs, build a strong society and give all of Scotland’s people the life chances that they deserve.

Bha an reafran am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad air Ceistean don Phrìomh Mhinistear cuideachd agus faodar tar-sgrìobhadh fhaicinn air loidhne san aithisg oifigeil.

Am Priomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA

Am Priomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk