Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail #gàidhlig


Am faca tu taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail 2017 fhathast?

Seo taisbeanadh de na dealbhan naidhead as fhèarr san t-saoghail. Tha e gu bhith sa Phàrlamaid gu 26 Lùnastal.

Bidh Alasdair bho sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ bruidhinn ri Cathaidh Bhàn mun taisbeanadh seo air prògram Feasgar air BBC Radio nan Gàidheal an-diugh (10.08.17). Tòisichidh am prògram aig 12.33.

Seo am fios naidheachd againn mun taisbeanadh:

Tha taisbeanadh, a tha an-asgaidh, de dhealbhan-camara gu bhith air a shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba san Lùnastal, agus am measg nan ìomhaighean cumhachdach a chithear tha: Usain Bolt a’ dol seachad air an loidhne aig na Geamannan Oilimpigeach ann an Rio ann an 2016; boireannach a’ seasamh gu daingeann aig caismeachd ann an Louisiana, agus i a’ togail fianais an aghaidh oifigearan-poileis a bha air fòirneart a dhèanamh air fireannaich dhubha; agus brat de dhealain-dè monarch a’ còmhdach na talmhainn sa choille ann an Tèarmann Dhealan-dè ann am Meagsago.

Ann an Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail chithear còrr is 140 de na dealbhan-naidheachd as drùidhtiche, as dùbhlanaiche agus as smaoineachail a chaidh a thogail air feadh na cruinne ann an 2016.

Bidh an taisbeanadh iomraiteach, a bhios ga shealltainn air feadh an t-saoghail, ri fhaicinn aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dihaoine 4 Lùnastal gu Disathairne 26 Lùnastal 2017, agus tha e an-asgaidh.

Chuir còrr is 5,000 dealbhadair a-steach airson na farpais-dhealbhan bho 125 diofar dhùthchannan, agus iad ag innse sgeulachdan tro na dealbhan-camara aca bho shaoghal an latha an-diugh agus na dealbhan fo dhiofar chinn leithid Naidheachdan ann an Làrach nam Bonn, Naidheachdan Coitcheann, Cùisean Co-aimsireil, Beatha Làitheil, Daoine, Spòrs, Nàdar agus Pròiseactan thar Ùine Fhada.

A’ foillseachadh na naidheachd mun taisbeanadh, thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:

“Fiù ’s don fheadhainn againn a tha cumail sùil gheur air na naidheachdan, tha an taisbeanadh air leth seo a’ sealltainn mar as urrainn do dhealbhan-naidheachd sgeulachdan drùidhteach, toinnte agus brosnachail innse a bheir buaidh air an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air agus a’ tuigsinn an t-saoghail.

“Tha sinn beò ann an linn nam meadhanan sòisealta, agus cha robh dealbhan-naidheachd riamh cho cudromach ann a bhith toirt nan naidheachdan thugainn gu luath agus le barrachd buaidhe na meadhan sam bith eile. Tha sin fhathast cho fìor ’s a ghabhas agus tha feadhainn de na dealbhan as làidire a bh’ againn riamh againn am-bliadhna eadar ìomhaighean fìor iomraiteach is dealbhan glè phearsanta.

“Tha sinn a-rithist glè mhoiteil gur i a’ Phàrlamaid an aon àite ann an Alba far am faicear an taisbeanadh seo agus gur sinne an aon Phàrlamaid air an t-saoghal far an tèid an taisbeanadh a shealltainn. Tha mìltean thar mhìltean de dhaoine air tadhal air a’ Phàrlamaid gus coimhead air Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail ron seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith cur fàilte air barrachd luchd-tadhail buileach san Lùnastal gus feadhainn de na dealbhan-naidheachd as fheàrr air an t-saoghal fhaicinn.”

Alasdair

Gàidhlig, Naidheachdan is na Meadhanan Sòisealta #gaidhlig #gaelic


Gu tric, bidh oileanaich a’ tighinn don Phàrlamaid airson faighinn a-mach mun obair againn mar phàirt den rannsachadh aca.

An t-seachdain sa chaidh, thàinig Mikaela NicFhionghain a chèilidh oirnn mar phàirt den trachdas BA (Hons) aice air naidheachdan, na meadhanan sòisealta agus a’ Ghàidhlig mar phàirt de cheum ann an naidheachdas.

Chan eil Gàidhlig fhileanta aig Mikaela ach tha ùidh mhòr aice sa chànain agus i ga h-ionnsachadh.

 

Mikaela NicFhionghain

 

Bha i ag iarraidh fios mun bhlog againn agus mun dòigh anns a bheil a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta airson naidheachdan a sgaoileadh.

Tha i a’ coimhead air cuspairean air mar a tha na meadhanan sòisealta a’ bualadh air a’ Ghàidhlig, a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig BBC Alba air sgaoileadh naidheachdan agus cuspairean eile mar sin.

Tha i airson cluinntinn bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig a bhios a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta gu tric agus gu h-àraid bhon fheadhainn a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta air blogaichean no Facebook no Twitter. Faodar fios a chur thuice air: <mikaela.mackinnon@gmail.com>

 Bidh i cuideachd a’ sgaoileadh ceisteachan ann an ùine nach bi fada. 

Agus ma tha beachd agad air dè bu chòir dhuinne sa Phàrlamaid a bhith dèanamh a thaobh nam meadhanan sòisealta, faodar beachd fhàgail dhuinn air a’ bhlog seo no air gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Alasdair