Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (3): Togalach, Seòmar is Comataidhean #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Chaidh na h-oifigearan Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh san Ògmhios. Sa phost mu dheireadh san t-sreath, bheir sinn sùil air togalach is buill an t-Seanaidh.

Marc (cli) agus Alasdair (deas) anns an t-Senedd, os cionn an t-Seòmair

Fhuair sinn turas treòraiche inntinneach den togalach le Richard bho Sgioba Toiseach an Taighe agus mar phàirt de seo, fhuair sinn cothrom a dhol a-staigh gu Seòmar an t-Seanaidh fhèin agus gu bothan an eadar-mhìneachaidh. Chunnaic sinn cuideachd na seòmraichean comataidh agus an café poblach agus ionnsaich sinn gun deach filmadh a dhèanamh an dà chuid air Dr Who agus air Sherlock anns an t-Senedd!

Seòmar an t-Seanaidh, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Seòmar an t-Seanaidh

An ath latha fhuair sinn cothrom an Seòmar fhaicinn an gnìomh agus Ceistean dhan Phrìomh Mhinistear a’ dol air adhart. Chunnaic sinn Prìomh Mhinistear na Cuimrigh Carwyn Jones AM (Pàrtaidh Làbarach na Cuimrigh) agus e a’ freagairt cheistean bho na pàrtaidhean dùbhlanach. Bha cuid de na ceistean sa Chuimris agus cuid sa Bheurla.

Tha 60 Buill Seanaidh anns an t-Seanadh agus, coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha iad air an taghadh tro shiostam PR ball a bharrachd.

Bothan Eadar-mhìneachaidh, Seòmar Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba cuideachd, tha comataidhean uamhasach cudromach ann an obair an t-Seanaidh. Agus bidh comataidhean an t-Seanaidh ag obair gu dlùth ri sgioba an fhoghlaim agus sgioba na coimhearsnachd (outreach) gus beachdan an t-sluaigh a shireadh air obair rannsachaidh nan comataidhean, a’ gabhail a-staigh beachdan bho sgoilearan.

Chunnaic sinn cuid de na bhideothan a rinn sgioba na coimhearsnachd airson diofar rannsachaidhean comataidh agus chaidh sin an uair sin gus sgioba na Làraich-lìn is nam Meadhanan Sòisealta airson barrachd ionnsachadh mun t-Seanadh air-loidhne.

Le sgioba nam Meadhanan Sòisealta

Tha seanail YouTube aig an t-Seanadh le tòrr mòr bhideothan, chan ann a-mhàin de ghnothaichean an t-Seanaidh ach cuideachd bhideothan a’ brosnachadh a’ phobaill gus pàirt a ghabhail san obair aice. Tha e cuideachd air Twitter agus Facebook agus tha na teachdaireachdan air fad san dà chànain.

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha Seanadh na Cuimrigh 15 bliadhna a dh’aois am-bliadhna agus tha iad air sreath de bhideothan a dhèanamh air a bheil 15 years in 15 seconds!

Ged nach robh ach dà latha againn airson ionnsachadh mu 15 bliadhna de dh’fhèin-riaghladh sa Chuimrigh, fhuair sinn fiosrachadh gu leòr – agus ideathan gu leòr airson obair leasachaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Diolch yn fawr Cynulliad Cenedlaethol Cymru!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (1): Foghlam #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Air ais anns an Ògmhios, chaidh na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, Marc is Alasdair air turas dà latha airson ionnsachadh mu Sheanadh Nàiseanta na Cuimrigh ann an Caerdydd/Cardiff.

Bha sinn airson faighinn a-mach mu thòrr diofar rudan: foghlam, na meadhanan sòisealta, obair coimhearsnachd, eadar-theangachadh, eadar-mhìneachadh agus àite na Cuimris san t-Seanadh.

Thòisich an turas againn le turas gu Tŷ Hywel còmhla ri Mari Wyn Gooberman, Ceannard an Fhoghlaim anns an t-Seanadh. Fhuair an togalach seo ainm bho Hywel Dda, rìgh Cuimreach ainmeil san deicheimh linn a chòdaich (codified) laghan na Cuimrigh.

Ty Hywel, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Tha seòmar sònraichte san togalach seo air a bheil Siambr Hywel (Seòmar Hywel). B’ e seo Seòmar Deasbaid an t-Seanaidh bho fhosgladh an t-Seanaidh ann an 1999 gu 2006 nuair a ghluais an Seòmar agus na comataidhean dhan dachaigh bhuan aca ann an togalach Y Senedd.

Nuair a ghluais na Buill a-mach à Siambr Hywel, ghluais òigridh na Cuimrigh a-steach oir ’s ann an sin a bhios na seiseanan foghlaim gan cumail airson sgoiltean. ‘S e fìor dheagh àite a tha seo airson a leithid oir tha cothrom aig na sgoilearan suidhe ann an seòmar deasbaid ceart ann an reachdadaireachd (legislature) cheart is iad a’ cleachdadh nam putanan bhòtaidh is micreofonaichean dìreach mar na Buill Seanaidh fhèin.

Marc agus Sgioba Foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Marc agus Sgioba Foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Bidh an sgioba ag obair tron dà chànan agus a’ toirt seachad seiseanan foghlaim do sgoiltean Cuimris agus Beurla. Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, bidh seanadh na Cuimrigh a’ toirt seachad seiseanan foghlaim an dà chuid anns an t-seanadh agus air feadh na dùthcha. Bha e uamhasach math coinneachadh ri Mari, Enfys, Olwen agus Dilwyn anns an sgioba foghlaim.

Chunnaic sinn tòrr de na stuthan foghlaim a th’ aca san t-seanadh cuideachd.

Stuthan foghlaim aig Seanadh na Cuimrigh

Tha goireas gu sònraichte math aca – dealbh-balla mòr anns an t-seòmar foghlam le seallaidhean à air feadh na Cuimrigh a tha a’ sealltainn nan cùisean tiomnaichte uile. Tha seo ri fhaighinn mar phostair cuideachd.

Tha goireas inntinneach aca cuideachd mun àrainneachd agus Seanadh na Cuimrigh, a’ coimhead air cho uaine sa tha an togalach.

An Dealbh-balla ann an Siambr Hywel

An Dealbh-balla ann an Siambr Hywel, Seanadh na Cuimrigh

Ri leantainn….

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Obair coimhearsnachd phàrlamaideach an Alba, Èirinn a Tuath ┐sa Chuimrigh #gaidhlig #gaelic


Chuir luchd-obrach aig sgioba Foghlaim is Com-pàirtichean Coimhearsnachd Pàrlamaid na h-Alba dà latha feumail seachad ann an Seanadh Èireann a Tuath ann an Stormont an t-seachdain sa chaidh agus iad a’ coinneachadh le an co-obraichean a tha a’ dèanamh an aon seòrsa obrach ann an Seanaidhean na Cuimrigh ann an Caerdydd agus Èireann a Tuath ann am Beál Feirste.

Bha seo na dheagh chothrom tighinn còmhla agus bruidhinn air na ionnsaich sin agus gus deagh chleachdadh a sgaoileadh a thaobh obair coimhearsnachd phàrlamaideach – raon a tha gu math speisealta agus gu math diofraichte eadar na reachdadaireachdan  fèin-riaghlach (devolved legislatures).

Tionól Thuaisceart Éireann

Bha e na bhrosnachadh dhuinn ionnsachadh gun robh na h-aon dùbhlain agus cothroman aig na trì reachdaireachdan. Bha a’ choinneamh seo na dheagh chothrom a bhith ag ionnsachadh bho chàch-a-chèile agus a bhith a’ leanntainn deagh chleachdadh aig na seanaidhean eile a bhith a’ cur gleans air an obair againn fhèin mar thoradh air na dh’ionnsaich na seanaidhean eile.

Bha seo feumail gu sònraichte don luchd-obrach againn an seo ann an Taigh an Ròid; às dèidh trì bliadhna, tha Pròiseact nan Com-pàirteachasan Coimhearsnachd againn a’ tighinn gu crìch agus tòisichidh an dòigh obrach ùr againn air com-pàirteachadh (engagement) air a’ chiad latha den Ghiblean.

Pòl MacAnndrais / Paul Anderson

Paul.anderson@scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)