Seachdain na Gàidhlig an Dùn Èideann #gàidhlig #SnaG2018 @SnaGaidhlig


Tha an t-àm ann a-rithist! Bidh Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi ro fhada.

snag

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt san t-Seachdain aon uair eile.

Fèill na Gàidhlig – Disathairne 03/11/18

Bidh sgioba Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba an làthair aig Fèill na Gàidhlig ann am Pròiseact Coimhearsnachd a’ Ghrassmarket, 86 Candlemaker Row bho 15:00 gu 17:00.

Bruidhinn ruinn, gabh srubag, èist ri ceòl beò, ceannaich leabhraichean agus faic na bùird aig buidhnean Gàidhlig ionadail is nàiseanta.

Public Tours of the Scottish palriament

Tursan-treòraichte ann am Pàrlamaid na h-Alba – Dihaoine 09/11/2018

Ionnsaich mu eachdraidh, obair is dòighean-obrach Pàrlamaid na h-Alba air an turas treòraichte seo. Faic an seòmar-deasbaid, seòmraichean comataidh agus tòrr a bharrachd.

Bidh dà thuras ann. Bidh a’ chiad turas anns a’ Ghàidhlig airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach.

Turas tro mheadhan na Gàidhlig – 10:45-11-45

Bidh an dàrna turas airson luchd-ionnsachaidh agus bidh e anns an dà-chànan.

Turas dà-chànanach do luchd-ionnsachaidh – 14:15-15:15

Gus àite a chur air dòigh, cuir post-d thugainn air gaidhlig@parliament.scot is innse dhuinn dè an turas a tha thu ag iarraidh agus cia mheud duine a bhios a’ tighinn.

Gheibhear barrachd fios mu Sheachdain na Gàidhlig agus chithear am prògram air fad aig: www.seachdainnagaidhlig.com

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Blasad Gàidhlig!


Chruthaich sinn leabhran beag air ais air ann an 2008 a bheil “Blasad Ghàidhlig” mar phàirt de latha Gàidhlig a chùm sinn airson a’ phobaill is airson luchd-obrach.

‘S e a th’ ann ach bileag le abairtean furasta anns a’ Ghàidhlig cho math ri fuaimneachadh airson gach abairt. Am measg nan abairtean, tha faclan co-cheangailte ri Pàrlamaid na h-Alba fhèin. Tha iad freagarrach airson luchd-tòiseachadh no airson daoine a tha ag iarraidh beagan abairtean furasta ionnsachadh.

Blasad Gàidhlig

Blasdad Gàidhlig

Tha an leabhran fhathast ri fhaighinn bhuainn saor is asgaidh air pàipear ach tha e a-nis ri fhaighinn air-loidhne cuideachd.

Leig fios ma tha thu ag iarraidh beagan bhileagan.

San dol seachad, fhuair sinn am beachd seo an tòiseach bho Eilean Mhanainn far an d’ rinn an t-Oifigear Leasachaidh Gàidhlig sreath de chairtean le abairtean Gaelg!

Gàidhlig Mhanainn

Gàidhlig Mhanainn

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk