Tha Comataidh Foghlaim is Sgilean Pàrlamaid a’ sireadh bheachdan an-dràsta air trusadh agus cumail luchd-teagaisg.

Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann
Am measg nan ceistean a tha iad a’ faighneachd, tha:
- Dè na prìomh dhuilgheadasan a th’ ann a thaobh a bhith a’ fastadh is a cumail luchd-teagaisg?
- A bheil beachd sam bith agaibh dè an dòigh as fheàrr gus dèanamh cinnteach gun tèid an àireamh cheart de luchd-teagaisg a thrèanadh is fhastadh airson sgoiltean na h-Alba?
- Dè a’ bhuaidh a th’ aig a’ ghainnead de luchd-teagaisg ann an sgìrean sònraichte de dh’Alba no ann an cuspairean sònraichte agus dè a ghabhas dèanamh mu dheidhinn seo?
Seo deagh chothrom do dhaoine a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na beachdan aca a thoirt don Phàrlamaid a thaobh trusadh luchd-teagaisg.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh air làrach-lìn an rannsachaidh.
Feumaidh beachdan a bhith a-steach ro dheireadh an latha, Diciadain 26 Giblean.
Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.
Alasdair
gaidhlig@parliament.scot