An Fhèis Phoilitigs a’ tòiseachadh an-diugh #gàidhlig @FoP2014


Tha rudan gu math trang sa Phàrlamaid an-diugh agus Fèis Phoilitigs na bliadhna seo gu bhith a’ tòiseachadh an-diugh fhathast.

cafebar1

Seo dealbh no dhà de bhàr-chafé na feise agus luchd-obrach a’ cur crìoch air an obair an-dràsta fhèin.

‘S e cuspair na bliadhna seo: Dè a-nis airson Alba?

cafebar3

Airson barrachd fiosrachaidh mu phrògram na fèise, faic ar fios naidheachd mun fhèis agus ar fios naidheachd mun bhàr-chafé.

cafebar2

Gheibhear prògram na fèise sa Ghàidhlig air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fèis Phoilitigs air Radio nan Gàidheal #FoP2013 #BBCEdFest #WorldPressPhoto


Bha prògram Feasgar aig BBC Radio nan Gàidheal a’ craoladh beò à Fèis Dhùn Èideann bho stiùideo sealach a’ BhBC ann am Potter Row an-dè agus bi iad ann a-rithist an-diugh.

Cathy Bhàn NicDhòmhnaill

Cathy NicDhòmhnaill sa chathair air Feasgar

An-dè thug am prògram sùil air na bha a’ dol aig Fèis Dhùn Èideann, a’ coimhead mar phàirt de seo air Fèis Phoilitigs Pàrlamaid na h-Alba.

Bha mi fhèin ann gus bruidhinn ri Cathy Bhàn mu dheidhinn na bha gu bhith a’ dol aig an Fhèis Phoilitigs.

Bidh am prògram air iplayer a’ BhBC fad seachdain is mar sin, tha cothrom ann èisteachd ris fhathast.

Stiùdeo a' BhBC aig Fèis Dhùn Èideann, Potterrow

Stiùdeo a’ BhBC aig Fèis Dhùn Èideann, Potterrow

Air eagal’s nach cuala tu mun Fhèis Phoilitigs, ’s e seo far am bi am pobal is poilitigs a’ tighinn còmhla. Thòisich an fhèis bho chionn naoi bliadhna agus tha ainmean mòra bho naidheachdas, na h-ealain agus gach taobh den speactram poilitigeach air pàirt a ghabhail ann.

Tha cuspair eadar-dhealaichte ann gach bliadhna agus am-bliadhna, ’s e “Àite na h-Alba san t-saoghal” a th’ ann. Bidh fèis na bliadhna seo a’ gabhail àite eadar 23 agus 25 den Lùnastal.

Mar phàirt de seo, tha tachartasan ann a bhios a’ coimhead air cuspairean mar an Roinn Eòrpa agus nàiseanan beaga san àm ri teachd; neo-eisimeileachd agus cùisean eaconomach; cultar is craoladh; beachdan an t-sluaigh air bun-reachd na h-Alba san àm ri teachd; fèin-aithne is coimhearsnachd; poilitigs is ealain; comas dìon na h-Alba; an stàit-shocairean san àm ri teachd; na Kennedys; in-imrich do dh’Alba, cumhachd nam meadhanan sòisealta is tòrr a bharrachd. Gheibhear am prògram air fad agus barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn an Fhèis Phoilitigs agus faodar an leantainn air twitter @FoP2013. Agus na bi leisg sgrìobhadh thuca sa Ghàidhlig oir tha Gàidhlig (agus Scots!) aig twitterich FoP!

Am-bliadhna airson a’ chiad turais cuideachd, tha Bàr-café gu bhith againn aig an fhèis, a bheir cothrom do dhaoine greim-bìdh a ghabhail, bruidhinn ri daoine eile a bha a’ gabhail pàirt sna tachartasan agus èisteachd ri beagan ciùil. Bidh am bàr-café fosgailte gu 10f air gach oidhche den fhèis. Tha barrachd fiosrachadh ri fhaighinn san fhios naidheachd (Ghàidhlig) mun fhèis.

Agus ged a bhos an fèis fhèin a’ dol air adhart eadar 23 is 25 Lùnastal, tha Dealbhan Luchd-naidheachd an t-saoghail, a tha ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt den fhèis, air tòiseachadh mar-thà. Bidh an taisbeanadh sgoinneil seo a’ toirt còmhla na dealbhan naidheachd as fheàrr san t-saoghal gach bliadhna. Tha e fosgailte bho 10m-8f gach latha, Diluain-Disathairne. Tha am fiosrachadh mu na dealbhan uile dà chànanach is mar sin, mar as motha de luchd na Gàidhlig a thig ga fhaicinn, ’s ann as fheàrr.

Shona is Murchadh Aonghas aig Sgioba Feasgair

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Co-fharpais dealbhan: camarathan a-mach! #fop2013 #gaidhlig


Tha Pàrlamaid na h-Alba air co-fharpais togail-dhealbhan a chur air dòigh gus Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail agus Fèis Phoilitigs 2013 a chomharrachadh.

Tha sinn a’ sireadh dealbhan air a’ chuspair “àite na h-Alba san t-saoghal”.

Capture

Airson barrachd fiosrachaidh mun cho-fharpais, mu na duaisean agus gus do dhealbhan a chur thugainn, thoir sùil air ar làrach-lìn. A bharrachd air na prìomh duaisean, thèid roghainn de na dealbhan a phostadh air Facebook na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk