Bile an Foghlaim air aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig #foghlam


Chaidh Bile an Fhoghlaim – anns a bheil ullachaidhean a thaobh foghlam Gàidhlig aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba.

Faodar an deasbad air fad a leughadh anns an Aithisg Oifigeil no faodar coimhead air a’ bhideo air TBh na Pàrlamaid.

as passed

Tha am Bile mar a chaidh aontachadh a-nis ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Thèid am bile na achd nuair a gheibh e Aonta Rìoghail.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

 

Bile an Fhoghlaim – an ath cheum #foghlam #gàidhlig @SP_EduCul


Tha sinn air a bhith a’ leantainn adhartas Bile an Fhoghlaim (Alba) air a’ bhloga seo. Tha ullachaidhean sa bhile a thaobh foghlam Gàidhlig agus tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig air ùidh mhòr a nochdadh ann.

Bile

Tha ceann-latha a-nis againn airson Ìre 3 den bhile – an ìre mu dheireadh. Bidh an deasbad ìre 3 ann Dimairt 2 Gearran, a’ tòiseachadh uaireigin às dèidh 2f.  Bidh cothrom agad coimhead air beò air TBh na Pàrlamaid.

Chithear na h-atharrachaidhean a chaidh moladh dhan bhile air làrach-lìn na Pàrlamaid.

‘S e a th’ ann an Ìre 3 ach an deasbad mu dheireadh air a’ bhile. Faodar tuilleadh atharrachaidhean a dhèanamh aig an ìre seo agus bidh a’ Phàrlamaid a’ bhòtadh air am bu chòir gabhail ris a’ bhile anns an riochd dheireannach aige.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Foghlam Gàidhlig – Adhartas Bile an Fhoghlaim #gàidhlig


Dh’aithris sinn bho chionn goirid gun robh Comataidh Foghlam is Cultar na Pàrlamaid air sùil a thoirt air Bile an Fhoghlaim, anns a bheil ullachaidhean a thaobh Foghlam Gàidhlig, aig Ìre 2.

Bile foghlaim

Tha Ìre 2 de phròiseas a’ bhile a-nis deiseil. Tha am Bile mar a chaidh atharrachadh aig Ìre 2 a-nis ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil na h-atharrachaidhean ris an do dh’aontaich a’ Chomataidh a-nis anns a’ bhile. ‘S e an tionndadh seo den bhile a thèid air adhart dhan ath ìre – an ìre mu dheireadh – ìre 3.

Aig Ìre 3, beachdaichidh an làn Phàrlamaid air a’ bhile. Faodar tuilleadh atharrachaidhean a dhèanamh aig an ìre seo agus aig deireadh an deasbaid, bhòtaidh a’ Phàrlamaid am bu chòir gabhail ris a’ bhile anns an riochd dheireannach aige. Leigidh sinn fios nuair a tha ceann-latha air ainmeachadh airson seo.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk