A’ cur Gàidhlig air a’ mhapa (2) #gaidhlig #gaelic


Dh’aithris sinn air obair Ainmean-àite na h-Alba an-dè agus a rèir coltais, bha ùidh mhòr aig daoine ann oir thug cha mhòr 50 daoine sùil air an teachdaireachd againn agus fhuair sinn iomadh dealbh.

Tha 129 dealbh a-nis suas air a’ mhapa aig AÀA.

Taing mhòr do dh’Akerbeltz a chur dealbhan le ainmean-àite suas air flickr.

Taing cuideachd do dh’ Anna Currall a chuir dealbhan thugainn de Dhail Fhraoich an Siorrachd Air agus do Ronald Henderson, a chuir dealbhan thugainn de Cheann Loch Gilb.

Seo cuid de na dealbhan gu h-ìosal.

Goilspidh - le Akerbeltz

Le deagh dhùrachd,

Alasdair

Pàrtaig na Gàidhlig


Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) air grunn ainmean sràide ann am Pàrtaig a chur air an stòr-dàta bho chionn goirid.

Ma tha thu ag iarraidh am faicinn, cuir “Partick” anns an stòr-dàta aig AÀA agus chì thu an liosta air fad.

Tha fuaimneachadh nan ainmean ri fhaighinn ann cuideachd. Rinn mi fhèin clàradh de na h-ainmean Gàidhlig le taic fuaimneachaidh bho mo cho-obraiche Marc Mac an Fhilidh oir bha AÀA ag iarraidh cuideigin à Glaschu a bhiodh deònach na h-ainmean a chlàradh.

Tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air aon de na buidhnean poblach a tha air an riochdachadh air Ainmean-Àite na h-Alba. Ron taghadh, chuidich AÀA gu mòr sinn le bhith a’ toirt dhuinn na h-ainmean Gàidhlig air na sgìrean is roinnean Pàrlamaideach air fad.

Airson barrachd fios mu AÀA air a’ bhlog seo, faic:

Ainmean-Àite na h-Alba

Ainmean-àite ann am Pàrlamaid na h-Alba

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Pàrtaig

Pàrtaig

Faclair na Pàrlamaid gu bhith air ùrachadh


Anns an teachdaireachd seo, tha Leo McNeir aig a’ chompanaidh TELI ag innse dhuinn mu obair air faclair ùr.

Faclair na Pàrlamaid

Faclair na Pàrlamaid

Tha an Sgioba a rinn Faclair na Pàrlamaid – an European Language Initiative (TELI) – ag obair an-dràsta air dreach ùr dheth a tha nas motha.  Anns an dreach seo bidh faclair airson rianachd phoblach, a’ toirt a-steach cànan na Pàrlamaid agus rudan ceangailte ri riaghaltas ionadail, agus seirbheis phoblach san fharsaingeachd.

Thathar an dùil am faclair ùr a chur air an eadar-lìon, le ceanglaichean thuige bho làraichean-lìn Gàidhlig air feadh na h-Alba.  Tha a’ chuid as motha den obair dèante agus thathar an dòchas gun tèid am faclair fhoillseachadh fhathast am-bliadhna.

Faodar fios a chur gu Leo aig: mcneir@waitrose.com

Leo McNeir aig TELI

Leo McNeir aig TELI