Tha Lisa Doig, a tha na h-oileanach air cùrsa teagaisg GIFT, còmhla ruinn sa Phàrlamaid air greis-gnìomhachais an-dràsta. Anns a’ phost seo tha i a’ toirt sùil air na goireasan foghlaim Gàidhlig air an làraich-lìn againn.
An-diugh, thug mi sùil air na goireasan foghlaim air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.
Cha robh fios agam mu dheidhinn nan goireasan seo ach bidh mi gan cleachdadh anns am àm ri teachd gun teagamh! Tha iad sgoinneil agus cho feumail airson nan tidsearan gus an clas aca a theagasg mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba.
Tha na goireasan air an sgaradh anns na cuspairean diofraichte airson Curraicealam airson Sàr-mhaitheis mar mhatamataic, litreachas, ealain agus mar sin air adhart. Nam bheachd, tha iad airson clas 5, agus clasaichean nas seinne na sin, ach bhitheadh e furasta gu leòr na goireasan atharrachadh airson clasaichean nas òige.
Thoir sùil orra air do shon fhèin!!
http://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/12269.aspx
Lisa Doig