Samhradh a-rithist!


Is e latha blàth grianach a th’ ann ann an Dùn Èideann an-diugh agus tha tòrr dhaoine ag ithe, a’ cluich agus a’ gabhail na grèine ann an gàradh na Pàrlamaid.

Gàrradh na Pàrlamaid 

Bha nàdar cudromach do Miralles, an t-ailtire a dhealbhaich togalach na Pàrlamaid agus mar phàirt den obair air a’ Phàrlamaid, chaidh craobhan, preasan is flùraichean a chur ann an àrainn uaine taobh a-muigh togalach na Pàrlamaid.  Tha bith-iomadachd (biodiversity) na pàirt cudromach den roi-innleachd àrainneachd Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba

Mar sin, ma tha thu gu bhith a’ tighinn don Phàrlamaid, na dìochuimhnich sùil a thoirt air an taobh a-muigh a bharrachd air an taobh a-staigh!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Coimhead air gnothaichean na Pàrlamaid beò!


Air clàr-ghnothaich Seòmar na Pàrlamaid an-diugh (22/09/2011), tha:

  • 09:15 Deasbad Riaghaltas na h-Alba Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich
  • 11:40: Àm nan Ceistean Coitcheann
  • 12: 00: Ceistean don Phrìomh Mhinistear
  • 2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil air Ionmhas, Cosnadh agus Fàs Seasmhach
  • 2.55 Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Eaconomaidh Carbon Iosail

 Gheibhear na ceistean airson nan amanan ceistean anns an Iris Ghnothaichean.

 Holyrood TV

Faodar coimhead air gnothaichean an latha san t-Seòmar beò air loidhne tron t-seirbheis lìn-chraolaidh  againn Holyrood TV.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Gnothaichean Pàrlamaideach gu bhith a’ tòiseachadh a-rithist


Bidh gnothaichean na Pàrlamaid a’ tòiseachadh a-rithist agus fosadh (recess) na Pàrlamaid a’ tighinn gu crìch 4 Sultain 2011.

Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na tha gu bhith air clàr na Pàrlamaid an dà chuid san t-seòmar agus anns na comataidh san Iris Ghnothaichean.

Cumaidh am blog seo fios riut mu na tha gu bhith a’ tachairt san t-seòmar agus anns na comataidhean.

Tha grunn luchd-leughaidh air innse dhuinn gu bheil iad ag iarraidh barrachd a leughadh mu dheidhinn gnothaichean pàrlamaideach agus tha sinn  glè dheònach sin a dhèanamh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk