Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail air Prògram Feasgar #gaidhlig @BBCRnG


Thadhail Cathy NicDhòmhnaill bho phrògram Feasgar air Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe an t-seachdain seo airson coimhead air taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail.

38744633_974266716087969_7029100187658223616_o

Còmhla ri Cathy, bha an dealbhadair pròifeiseanta Dòmhnall MacLeòid ann gus a bheachdan a thoirt seachad air an taisbeanadh.

Chaidh am prògram a-mach beò Diciadain 08 Lùnastal agus Faodar èisteachd ris air-loidhne air làrach-lìn a’ BhBC. Tha an còmhradh mu Dhealbhan Naidheachd an t-Saoghail a’ tòiseachadh aig 35 mionaidean.

Dè do bheachd fhèin air an taisbeanadh? Thig ann is faic dhut fhèin e.

Tha an taisbeanadh air fad dà-chànanach.

Tha Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail saor is an-asgaidh agus tha e fosgailte gach Diluain-Disthairne. ‘S e Disthairne 25 Lùnastal an latha mu dheireadh.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Agallamh mu eadar-theangachadh #gaidhlig #gaelic


Thadhal Catriana Deeprose aig BBC Craoaladh nan Gàidheal oirnn an-dè gus agallamh a dhèanamh mu shiostam eadar-theangachaidh TòMaS, pìleat nàiseanta anns a bheil seirbheis Gàidhilg na Pàrlamaid an sàs.

Catriana Deeprose aig BBC Craoladh nan Gàidheal a' tadhal air a' Phàrlamaid

Catriana Deeprose aig BBC Craoladh nan Gàidheal a’ tadhal air a’ Phàrlamaid

Seo pios a sgrìobh sinn mun phròiseact seo bho chionn goirid.

Ma tha ùidh agad ann an goireasan eadar-theangachaidh is planadh corpais, faic duilleagan nan goireasan Gàidhlig againn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk