Geàrr-chunntas air Co-labhairt #Alba2030 #gaidhlig


Chùm Fòram Alba air Thòiseach, tanc smaoineachaidh Pàrlamaid na h-Alba co-labhairt mun Ghàidhlg air 6 Dùbhlachd. B’ e ‘Buaidh is piseach – cò ris a bhiodh soirbheas dhan Ghàidhlig coltach’ an t-ainm a bh’ oirre.

B’ e amas na co-labhairt coimhead air adhart ri suidheachadh na Gàidhlig ann an 2030 agus nas fhaide air adhart agus gus beachdachadh air na bhiomaid ag iarraidh.

Bha an t-Oifigear Riaghlaidh Ken Mac an Tòisich BPA anns a’ chathair agus chuala sinn beachdan bho phanal de luchd-labhairt: An t-Àrd-ollamh Wilson MacLeòid (Oilthigh Dhùn Èideann); craoladair, neach-naidheachd is neach-ciùil Màiri Anna NicUalraig agus  An t-Àrd-ollamh Tadhg Ó hIfearnáin (Ollscoil na hÉireann Gaillimh).

Mur an robh thu an làthair, faodaidh tu a’ coimhead air na h-òraidean agus air na ceistean oir chaidh a’ cho-labhairt a chraoladh beò agus tha a’ bhideo a-nis ri fhaighinn air loidhne.

Bhidio sna cànanan tùsail:

 

Bhidio le eadar-mhìneachadh Beurla:

 

Bha bùithtean obrach againn às dèidh làimh agus ged nach deach seo a chraoladh, bidh sinn a’ dèanamh làn aithisg sgrìobhte den cho-labhairt a’ gabhail a-staigh beachdan agus molaidhean nam bùithean-obrach ann an ùine nach bi ro fhada. Tha fios a sgaoileadh fad is farsaing nuair a bhios seo deiseil.

Tha cuid de na prìomh phuingean a rinneadh sna bùithean-obrach, gu h-ìosal:

  • Tha e math a bhith a’ faighinn cothroman tighinn còmhla mar choimhearsnachd gus coinneachadh agus beachdachadh air cùisean ann an saoghal na Gàidhlig – cha bhi seo e a’ tachairt tric gu leòr.
  • Tha e cudromach gum bi a’ Ghàidhlig ga h-àbhaisteachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig ann an seirbheisean, poileasaidh, ro-innleachd, planadh is mar sin air adhart.
  • Feumaidh àrainnean a bhith ann far an urrainn do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh agus chaidh a ràdh cho cudromach sa bhiodh ionadan /co-ionadan Gàidhlig an dà chuid ann an coimhearsnachdan traidiseanta na Gàidhlig (m.e Cnoc Soilleir ann an Uibhist) agus cuideachd ann ann an àiteachan mar Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.
  • Tha leasachadh eaconamach air leth cudromach airson coimhearsnachdan Gàidhlig ach tha e ro-chudromach gum bi a’ Ghàidhlig aig cridhe nan iomairtean leasachaidh eaconamach no dh’fhaodte gun dean iad cron seach feum dhan chànan.
  • Tha coimhearsnachdan aig cridhe leasachadh cànain ACH feumaidh iad taic, maoineachadh is stùireadh bhon taobh a-muigh cuideachd bhon Riaghaltas, oilthighean agus buidhnean poblach, saor-thoileach is prìobhaideach eile ma tha iad gu bhith soirbheachail. Feumaidh barrachd cumhachd a bhith aig na coimhearnachdan cuideachd.
  • Tha an teaghlach fìor chudromach agus chan eil rud sam bith cho cudromach ri tar-chur san teaghlach.
  • Tha foghlam Gàidhlig air leth cudromach agus feumar a leasachadh le barrachd taic is luchd-teagaisg. Cha bu chòir dhuinn a bhith an dùil, ge-tà, gun tig piseach air cor na Gàidhlig tro fhoghlam a-mhàin. Tha feum air cothroman taobh a-muigh na sgoile cuideachd.
  • Tha dearbh-aithne cudromach dhan chànan. Tha e cudromach gum bi muinntir na h-Alba nas mothachaile air a’ Ghàidhlig agus gum bi oidhirpean ann gus misneachd a thogail am measg luchd-labhairt na Gàidhlig gus am bithear a’ brosnachadh dearbh-aithne cànain làidir am measg luchd-labhairt na Gàidhlig, an dà chuid daoine ann am FtG agus luchd-labhairt aig a bheil Gàidhlig bho thùs.

Sin dìreach geàrr-chunntas – bidh tòrr a bharrachd san aithisg dheireannach againn!

Rinn sinn bhideo goirid le cuid de na prìomh phuingean cuideachd.

Ma tha beachd sam bith agaibh air rud sam bith mun cho-labhairt, leig fios air twitter leis na taga #Alba2030.

Alasdair

Alasdair.maccaluim@parliament.scot

 

Tog do Ghuth ann am Pàrlamaid na h-Alba – tachartas aig Sabhal Mòr Ostaig #gaidhlig @SabhalMorOstaig


A bheil thu ag iarraidh do ghuth a thogail ann am Pàrlmaid na h-Alba – tro mheadhan na Gàidhlig?

A bheil thu airson coinneachadh ri Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, Ken Mac an Tòisich BPA agus ceistean a chur air?

Thig dhan choinneimh againn! Bidh sinn a’ cumail coinneamh ann an Sabhal Mòr Ostaig Diaoine 27/09/2019 aig 2:30f.

Seo beagan fiosrachaidh mu dheidhinn. An dòchas gum faic mi ann sibh!

snip

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot