Deasbad mu 10 bliadhna de BBC ALBA an-dè #gàidhlig #gaelic


An do chaill thu an deasbad mu 10 bliadhna de BBC ALBA an-dè?

Na gabh dragh, faodaidh tu a leughadh no a choimhead air a bhidio.

Donald Camerson

Dòmhnall Camshron BPA a’ fosgladh an deasbaid

Faodar teacsa an deasbaid a leughadh anns an Aithisg Oifigeil no faodar coimhead air air SPTV ( is Beurla) no anns a’ Bheurla a-mhàin aig 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Àm Cnuasachaidh ann am BSL #gaidhlig #BSL


Gach seachdain bi gnothaichean san t-Seòmar a’ tòiseachadh feasgar Dimàirt le Àm Cnuasachaidh.

An t-seachdain seo, chaidh a thoirt seachad le Jemma Skelding, a tha na sgoilear aig Àrd-sgoil na h-Eaglais Brice agus a tha 12 bliadhna a dh’aois.

Thug i seachad an Àm Cnuasachaidh ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn, BSL, an cànan màithreil aice.

Seo bhideo mu Jemma aig Àm Cnuasachaidh.

 

Tha teacsa an Àm Cnuasachaidh ri fhaighinn ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

Chaidh Àm Cnuasachaidh a dhèanamh sa Ghàidhlig uair, air ais ann an 2003, nuair a chaidh a thoirt seachad leis an Urr Donnachadh MacLeòid. Faodar sin a leughadh anns an Aithisg Oifigeil.

 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Deasbad mu Burns is Scots am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Tha sinn an dòchas gun robh deagh oidhche Burns aig a h-uile duine a raoir!

Ma thig thu dhan Phàrlamaid, chì thu gu leòr rannan agus dealbhan den Bhàrd Nàiseanta air feadh an togalaich.

Tha ainm Burns air fear de na seòmraichean comataidh, mar eisimpleir. Tha e gu math iomchaidh gu bheilear a’ beachdachadh air poileataigs ann an seòmar a fhuair a ainm bho fhear a bha cho deidheil air sgrìobhadh air poileataigs e fhèin!

burns-room

Agus seo obair ealain a th’ againn anns a’ Phàrlamaid:

burns

An-dè air co-latha-breith a’ Bhàird Nàiseanta, bha deasbad anns a’ Phàrlamaid mu Burns fhèin agus mun Scots.

Chualas tòrr Scots san t-Seòmar an dè, a’ gabhail a-steach làn òraidean san Scots airson a’ chiad turas riamh ann am Pàrlamaid na h-Alba air deasbad ann an Gnothaichean Bhall. Ma chaill thu an deasbad, faodaidh tu a leughadh ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

Bha na Buill a’ deasbad air a’ ghluasad seo:

burns-3

Alasdair

gaidhlig@parliament.uk