Pàrlamaid na h-Alba a’ taghadh nam Ministearan an-diugh #gàidhlig


‘S e seachdain gu math cudromach a th’ air a bhith ann ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo.

Chaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba a thaghadh Dimàirt. Faodar coimhead air a’ bhideo aig:

Agus tha an Aithisg Oifigeil airson na coinneimh ri fhaighinn cuideachd.

An-diugh (Diardaoin 19), thèid Ministearan a thaghadh leis a’ Phàrlamaid.

Tòisichidh Gnothaichean san t-Seòmar aig 2f.

Thèid Rùnairean Caibineit is Ministearan ann an Riaghaltas na h-Alba a thaghadh leis a’ Phrìomh Mhinistear. Ainmeachaidh am Prìomh Mhinistear a molaidhean airson ministearan agus bhòtaidh a’ Phàrlamaid air seo. Thèid na molaidhean a chur dhan Bhanrigh an uair sin airson aonta.

Airson barrachd fiosrachaidh airson a’ phròiseas gus Ministearan na chur an Gnìomh, faic an làrach-lìn againn.

Nas fhaide air adhart an-diugh, thèid buill de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh cuideachd. Tha a’ Bhuidheann Chorporra an urra ri bhith dèanamh cinnteach gum faigh a’ Phàrlamaid an t-seilbh, an luchd-obrach agus na seirbheisean a tha a dhìth oirre.

Alasdair

Alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu bhith ga dheasbad sa Phàrlamaid #gaidhlig #sp4 #gaelic


Dh’aontaich a’ Phàrlamaid an-dè gun tèid deasbad Riaghaltas na h-Alba a chumail feasgair Dimàirt sa tighinn (02 Dàmhair 2012) mu Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-2017.

Ma tha thu airson tiocaidean a chur air dòigh, lìon am foirm air-loidhne againn, cuir fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid: SP.Bookings@scottish.parliament.uk no 0131 348 5200.

Chan eil fhios againn le cinnt cuine a thoiseachas an deasbad ach aig an ìre seo, tha e coltach gun tòisich e aig mu 3.40 agus gum mair e mu uair a thìde gu leth.  Mar sin, b’ fheuch e tiocaidean a chur air dòigh airson nan raon-ama 2.00f – 4.00f agus 4.00f – 6.00f. Ma tha ceist sam bith agaibh, cuir fios gu Fiosrachadh Luchd-tadhail.

Faodar coimhead air an deasbad air-loidhne cuideachd air TBh na Pàrlamaid, an dàrna cuid beò no mar fhaidhle tasglann fad mìos às dèidh làimh.

Thèid an Aithisg Oifigeil (clàr sgrìobhte den deasbad) fhoillseachadh an latha às dèidh an deasbaid agus postaidh sin an ceangal an seo agus air twitter nuair a bhios i deiseil. 

Alasdair 

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Aithisg Bhliadhnail na Pàrlamaid ri faighinn #gaidhlig #sp4


Tha aithisg bhliadhnail Pàrlamaid na h-Alba airson na bliadhna 11 Cèitean 2011 gu 10 Cèitean 2012, a-nis ri fhaighinn mar PDF sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

 

Anns an aithisg, tha fiosrachadh mu obair na Pàrlamaid anns an t-Seòmar agus ann an Comataidhean, cho math ri fios mu obair eadar-nàiseanta agus mu obair leis a’ phobaill.

Tha toraidhean an taghaidh 2011 anns an aithisg cuideachd.

(Thoir an aire gu bheil an aithisg bhliadhnail ri faighinn ann an cruth dealanach a-mhàin.)

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk