Aithisg Bhliadhnail na Pàrlamaid ri faighinn #gaidhlig #sp4


Tha aithisg bhliadhnail Pàrlamaid na h-Alba airson na bliadhna 11 Cèitean 2011 gu 10 Cèitean 2012, a-nis ri fhaighinn mar PDF sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

 

Anns an aithisg, tha fiosrachadh mu obair na Pàrlamaid anns an t-Seòmar agus ann an Comataidhean, cho math ri fios mu obair eadar-nàiseanta agus mu obair leis a’ phobaill.

Tha toraidhean an taghaidh 2011 anns an aithisg cuideachd.

(Thoir an aire gu bheil an aithisg bhliadhnail ri faighinn ann an cruth dealanach a-mhàin.)

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

BBC Alba sa Phàrlamaid an-diugh #gaidhlig #gaelic


Tha sgioba naidheachd à BBC Alba a-staigh anns a’ Phàrlamaid an-diugh, a’ fiolmadh airson prògram a bhios a’ coimhead air ais air naidheachdan 2011 aig àm na bliadhna ùire.

Bidh am prògram seo, Aithris na Bliadhna, a’ coimhead air naidheachdan mòra uile na bliadhna an dà chuid gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Anns a’ Phàrlamaid, bidh Doneil MacLeòid a’ bruidhinn ri Niall Ó Gallchoir, neach-aithris poilitigs BBC Alba mu thaghadh Pàrlamaid na h-Alba 2011.

BBC a' filmeadh ann am Pàrlamaid na h-Alba

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Prògram reachdais an Riaghaltais ga fhoillseachadh an-diugh


Is e latha cudromach do Phàrlamaid na h-Alba a th’ ann an-diugh agus gnothaichean an t-seòmair a’ tòiseachadh a-rithist.

Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Tòisichidh gnothaichean le Aithris leis a’ Phrìomh Mhinistear air prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba airson an t-seisein seo: bidh e a’ mìneachadh de na bilean a bhios an Riaghaltas a’ toirt a-steach don Phàrlamaid. Thèid seo a leantainn le deasbad air a’ chuspair. Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar aig uair feasgair.

Gus aithris a’ Phrìomh Mhinistear agus gnothaichean na Pàrlamaid air fad a leantainn, beò air-loidhne, an dà chuid san t-seòmar agus anns na comataidhean, faic ar seirbheis lìn-chraolaidh (webcasting) Holyrood TV.  

 Bidh grunn comataidhean a’ coinneachadh madainn an-diugh:

 • Cluinnidh Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd aithris bhon neach-gairm Gavin Brown BPA air prògram obrach na comataidh.

• Gabhaidh Comataidh Bun-structair is Cur an seilbh Calpa fianais air Drochaid Ùr an Fhoirthe.

Drochaid an Fhoirthe

Drochaid an Fhoirthe

• Beachdachaidh Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh air mar a làimhsicheas i dreach bhuidseat 2012-13.

• Bidh coinneamh-ullachaidh aig Comataidh Sgrùdadh Poblach air aithisg bhliadhnail Sgrùdadh na h-Alba (Audit Scotland).

 • Gabhaidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd fianais air atharrachaidhean a tha air am moladh do Bhile na h-Alba (Reachdas na RA) co-cheangailte ri Oighreachd a’ Chrùin.

Airson clàr-gnothaich na Pàrlamaid airson na seachdain seo, faic an Iris Ghnothaichean.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk